Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Iain MacIomhair (Costello) agus Mairead NicDhonnchaidh.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Iain MacIomhair (Costello) and Mairead NicDhonnchaidh.
Sèist / Chorus
Falt trom, trom, dualach,
Falt buidhe mu do ghualainn
Falt as grinne chuaileas,
Na dhual air mo chruinneig-sa.
A' dol an-àird na staidhreach,
Gun solas is gun soillse;
'S mi cuimhneach' air a' mhaighdinn;
A chùm a-raoir bho chadal mi.
Air feasgair ciùin samhraidh
'S mi siubhal air a' chabhsair
Cò choinnich rium ach m' annsachd
Aig seann taigh nan glainneachan!
'S e thusa bhith cho bòidheach,
Is mise bhith cho gòrach,
'S an gaol a thug mi òg dhut,
An-diugh gam leòn le aithreachas.
Tha cùl do chinn cho àlainn
'S gur grinn thu aig an t-snàthaid
Cò chunnaic riamh air sràid i
Nach gràdhaicheadh mo leannan-sa!
'S tha thusa dol a phòsadh
Is mise dol a sheòladh
Air long nan trì chroinn àrda
'S gur brònach leam an dealachadh.
Rugadh Mairead NicDhonnchaidh air 19 Ògmhios1888, ann an Gleann MhicAoidh, mu dhà mhìle gu leth bho Phort na h-Abhainne, ann an ...
Fiosrachadh air Mairead NicDhonnchaidh / Learn more about Mairead NicDhonnchaidhCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.