Fàilte don Eilean Sgitheanach

Òran air a sgrìobhadh le: Niall MacLeòid agus air a sheinn le: art macCarmaig, Art MacCarmaig, còisir àrd-sgoil loch abar agus fionnlagh a. g. macEachainn.

This is a song written by: Niall MacLeòid and sung by: art macCarmaig, Art MacCarmaig, còisir àrd-sgoil loch abar and fionnlagh a. g. macEachainn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O! fàilte air do stùcan,
Do choireachan ùdlaidh,
Do bheanntanan sùghmhor,
Far an siùbhlach am meann!
Tha 'n geamhradh le dhùbhlachd
Mu na meallaibh a' dùnadh,
'S gach doire le bhùirean
Air a rùsgadh gu bonn.

Chì mi an Cuiltheann
Mar leòmhann gun tioma,
Le fheusaig den t-sneachd'
Air a phasgadh ma cheann;
'S a ghruaidhean a' srùladh
Le easanan smùideach,
Tha tuiteam nan lùban
Gu ùrlar nan gleann.

Do chreagan gu h-uaibhreach,
Mar challaid mun cuairt dhut,
'S na neòil air an iomairt,
A' filleadh mum bàrr;
'S am bonn air a sguabadh
Le srùlaichean gruamach,
Bho bhàrcadh a' chuain
A' toirt nuallain air tràigh.

O càit eil na gaisgich
A dh'àraich do ghlacan,
Bu shuilbhire macnus
Mu stacan a' cheò?
Le fùdar ga sgailceadh
Bhon cuilbheirean glana,
'S na mial-choin nan deannaibh,
Nach fannaich san tòir.

Na laoich nach robh meata
Ri aodann a' bhatail,
Nach aomadh gu taise
Ri caismeachd an nàmh;
Chan eil raon agus machair
Air 'n do sgaoil iad am bratach,
Nach d' fhàg iad an eachdraidh
Gun mhasladh dan àl.

Ach tha 'm fàrdaichean sguabte,
'S an seòmraichean uaine;
Iad fhèin is an gaisge
Nan cadal fon fhòid;
'S tha osag nam fuar-bheann,
Le h-osnaidhean gruamach,
Gan caoidh mu na cruachan,
'S a' luaidh air an glòir.

O! càite bheil gach sòlas
Bha agam nam òige,
Toirt meal' às na ròsan
Mud chòsagan tlàth?
Tha companaich m' eòlais
Air am fuadach bhon còmhnaidh,
Tha mhil air a deòghal
'S na ròsan gun bhlàth.

Ach 's caomh leam do ghleanntan,
Do shrathan 's do bheanntan,
'S an ceò tha na chadal
Air baideal nan àrd;
Na ciabhagan torach,
Na srònagan corrach,
'S na sruthain ri coireal
Don eilid 's da h-àl.

Gu ma buan a bhios d' eachdraidh,
Agus cliù aig do mhacaibh,
Gus an crìonar an talamh,
'S am paisgear na neòil!
Fhad 's bhios sìaban na mara
A' bualadh air carraig,
Bidh mo dhùrachd gun deireas
Do dh'Eilean a' Cheò.

Seinneadairean / Performers

Art MacCarmaig

Art MacCarmaig

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...

Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaig

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.