Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair M. MacNeacail (Billy an Fhiosaich) agus air a sheinn le: Cairistìona Cheanadach, Criosaidh Nic a' Phiocair, Dòmhnall MacRath, Murchadh Iain MacCoinnich, seumas p. macFhionghain agus Uilleam Iain MacAmhlaigh.
This is a song written by: Alasdair M. MacNeacail (Billy an Fhiosaich) and sung by: Cairistìona Cheanadach, Criosaidh Nic a' Phiocair, Dòmhnall MacRath, Murchadh Iain MacCoinnich, seumas p. macFhionghain and Uilleam Iain MacAmhlaigh.
O nach àghmhor a-nis bhith fàgail
An t-àite tàmh seo 's a' dol a sheòladh;
Le cridhe suaimhneach bidh mi ri gluasad
Gu eilean suairce nan cruachan mònach.
Ged tha 'n tìr seo ro-thlachdmhor rìomhach
Tha iomadh dìth oirr' tha dhomh na dhòrainn
Chan fhaigh mi 'n fhaochag na 'n duileasg caomh ann
Cha bhuain mi maorach na fraoch nam mòr-bheann.
Fhuair mi m' àrach am baile Lìonail,
A laigheas sgiamhach an Eilean Leòdhais,
'S a dh'aindeoin bòidhchead gach àite thriall mi
'S ann ann a dh'iarrainn gu siorraidh còmhnaidh.
Tha Mùirneag ainmeil is beanntan Bharabhais,
Nuair nì thu falbh às chì thu mar cheò iad;
Tha iad nas àirde os cionn gach àite,
Taigh-solais latha iad don bhàt' tha seòladh.
'S a rìbhinn mhaiseach ged dhèanainn rann dhut
A chaoidh cha gheall mi do thoirt à Leòdhas
On tha mi cinnteach nach biodh tu aoibhneach
Gach latha is oidhche a' caoidh do chòmhnaidh.
Nì mi co-dhùnadh na duanaig fhaoin seo
Le mìle dùrachd gu dùthaich m' eòlais;
Is ma bhios cùisean dol mar a lùiginn
Bidh mi ri stiùireadh mo chùrs' air Leòdhas.

Thogadh Cairistìona Cheanadach ann an Orasaigh air na Lochan, Leòdhas. Chaidh i do Sgoil Leumrabhagh agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. ...
Fiosrachadh air Cairistìona Cheanadach / Learn more about Cairistìona Cheanadach
Rugadh Dòmhnall MacRath ann an Tàbost nan Loch, Leòdhas air 26 Lùnastal, 1941, mac Ciorstaidh Anna Mhurchaidh Mhurchaidh. Nuair a bha e dà bhliadhna dheug ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacRath / Learn more about Dòmhnall MacRath
Rugadh Criosaidh Nic a' Phiocair (Chuimeanach) ann an Ceann Tùlabhaig anns an t-Òb air 11 Faoilleach, 1954, nighean Dhòmhnaill Angaidh a' Phiocair às a' bhaile ...
Fiosrachadh air Criosaidh Nic a' Phiocair / Learn more about Criosaidh Nic a' Phiocair
Rugadh Murchadh Iain MacCoinnich, Murdo John na Mol, ann an Cros, ann an Nis, Leòdhas, air 6 Ògmhios, 1943. B' e Murchadh a bh' air ...
Fiosrachadh air Murchadh Iain MacCoinnich / Learn more about Murchadh Iain MacCoinnich'S ann à Greòsabhagh, Na Hearadh, a bha Uilleam Iain MacAmhlaigh. Bha cuideachd athair, Ruaraidh MacAmhlaigh, Ruaraidh Lachlainn Ruaraidh, à Beàrnaraigh Ùig, agus bha taobh ...
Fiosrachadh air Uilleam Iain MacAmhlaigh / Learn more about Uilleam Iain MacAmhlaighCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.