Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Coinneach Ros.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Coinneach Ros.
Moch sa mhadainn 's mi dùsgadh
'S trom m' aigne 's mi tùrsach gu leòr,
A' sìor chuimhneach na dùthcha
Far 'n do chleachd mi bhith 'm bhuachaille bhò;
Gheibhte sitheann is iasg ann,
Is ealachan lìonmhor air snàmh,
Coileach-dubh agus liath-chearc,
'S ciod tuilleadh a dh'iarradh tu ann.
Chan eil sruthan gun iasg ann,
'S chan eil gleannan gun fhiadh ann na chòir,
Le minneanaibh riabhach
'S iad nan laighe gu lìonar measg feòir;
Damh cabrach 's sròn fiat aig'
Gabhail gaoith' ann an siantaibh nan neòil;
Bu shunndach leam bhith gan iarraidh
Ann am madainn chiùin ghrianaich gun cheò.
Càit a bheil ann an Albainn
Àit' as fheàrr na Braid Albann mo rùin?
Tìr nan gaisgeach bha dìleas
A sheasadh na fìrinn 's a' chrùin;
Gheibht' ann cruinneagan bòidheach
A sheinneadh dhuinn òrain bha binn;
Tìr nan gillean bha àlainn,
'S lìonmhor filidh a chaidh àrach nad ghlinn.

Rugadh Coinneach Ros ann an Inbhir Nis, ann an 1942, ach bhuineadh a chuideachd gu lèir dhan Bhràighe, os cionn Inbhir Pheofharain, aig bonn Beinn ...
Fiosrachadh air Coinneach Ros / Learn more about Coinneach RosCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.