Fàgail Ghlaschu

Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) agus air a sheinn le: calum ceanadach, Alasdair Dòmhnallach agus Calum Ceanadach.

This is a song written by: Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) and sung by: calum ceanadach, Alasdair Dòmhnallach and Calum Ceanadach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

An àm bhith fàgail Ghlaschu air madainn mhoich Dimàirt
Bha m' inntinn trom fo airtneal 's mi cho fad bho thìr mo ghràidh,
A' fàgail mo luchd-eòlais anns a' bhaile mhòr a' tàmh
Na deòir nan sruth om shùilean 's mi cur cùlaibh ri mo ghràidh.

Chan iongnadh ged bhiodh cianalas am-bliadhna orm is gruaim
Tha falt mo chinn air liathadh, 's chan eil ial dheth a bhios buan,
Is ged nach eil mi aosta thàinig caochladh air mo shnuadh
On dh'fhàg mi an t-eilean àlainn, Uibhist àrda nam beann fuar.

'S e Uibhist tìr as bòidhche leam tha 'n-diugh fo neòil nan speur
Gur tric a shnàmh an ceò air a' Bheinn Mhòir 's mu Sgor an Fhèidh
'S a-staigh gu gualainn Mhaireabhal, far 'n minig 'n do thàmh an sprèidh
'S bu tric a thug mi ruaig ann 's b' e mo luaidh bhith às an dèidh.

Ach, b' fheudar Uibhist fhàgail 's tighinn a thàmh am measg nan Gall
'S e dh'fhag a-nochd sa bhàta mi 's i mach air bhàrr nan tonn
An fhairge 's i na smùid agus an stiùir agam nam làimh
'S a cùrsa o Cheann Èirinn leinn gu Buenos Aires thall.

Nuair thèid mi chun na cuibhle, nuair bhios an oidhche fuar,
Gur tric a bhios nam inntinn-sa 'n aon nì don tug mi luaidh
Bu mhath dhomh bhith nam chìobair seach bhith mach fo bhinn nan stuadh
Gu faighinn cadal socair dh'aindeoin osnaichean a' chuain.

Ach tha gillean gasta innte cho math 's a dh'fhàg an tìr
Tha Dòmhnall ann is Alasdair, tha Cailean ann 's mi fhìn
An Uibhist nam beann àrda 's ann a dh'àraicheadh na suinn
'S gun cluinnte fuaim na Gàidhlig 's iad gu h-àrd air bhàrr a' chruinn.

Ach sguiridh mi den dàn seo, chan eil mo chàileachd ann,
Chan eil mi na mo bhàrd, cha deach na tàlantan nam cheann
Mas e gu bheil e 'n dàn dhomh tilleadh sàbhailt innte nall
Gun gabh mi bàt' na smùide 's thèid mi null gu Tìr nam Beann.

Seinneadairean / Performers

Calum Ceanadach

Calum Ceanadach

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...

Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum Ceanadach

Alasdair Dòmhnallach

Rugadh Alasdair Dòmhnallach, Alasdair Mòr Chatrìona Ailein Chòcaire, ann a' Staoinebrig air 7 Ògmhios, 1929. Bha cuideachd a mhàthair nan còcairean aig Clann 'ic Ailein ...

Fiosrachadh air Alasdair Dòmhnallach / Learn more about Alasdair Dòmhnallach

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.