Fàgail Cheann Gheàrrloch

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall MacColla agus air a sheinn le: Mairead NicIllFhialain.

This is a song written by: Dòmhnall MacColla and sung by: Mairead NicIllFhialain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Thoir mo shoraidh a-nunn gu crìochan mo rùin
Far an robh mi cho sunndach òg.
Thoir an t-soraidh seo bhuam do na coirichean uain'
Anns an robh sinn toirt ruaig air fear-cròic.

Mo bheannachd san tìm leis gach mullach san fhrìth,
Len caochain tighinn a-nìos cho beò
'S an leacain bha rèidh far am faicte na fèidh,
Air leapaichean feur fon cheò.

'S e sealgach an fhèidh chuireadh sùrdag nam cheum
Is sinn ag imeachd le spèid tro gleann.
'S ag amharc le dùil suas gu bile na sgùrr,
Is glainne ri sùil, gu toirt teann.

'S minig bha sinn na dèidh shuas mu cheann Coire Rèidh
'S iad timcheall an rèidhlean thall
Greis a' màgail air glùn feadh creagan is chùirn
'S greis a' crùban an grunnd an allt.

Cha b' e griochan bhiodh tàmh mu chuairt Coire Bàn
Ach na làn-daimh bu làidir ceann
Gach cabar fo stèidh le mhioruin gu lèir
Co-fhreagairt ri chèil' cho teann.

Bhiodh an tàrmachan bàn mu na creachain a b' àird
'S an lìth bho a nàimh toirt dian
Chluinnte rocail neo-ghleusd mar an losgann san fhèith
Is srannadh a sgèith 's e dol siar.

Bhiodh làmhaich nar cluais air lath' an eòin ruaidh
Bhiodh casgairt air cruaich is lòn
Coin-eunaich air taod is cuid dhiù mu sgaoil
A' siubhal an fhraoich air an tòir.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha leth-dusan de dh'òrain Dhòmhnaill MhicColla agus fiosrachadh mu bheatha rim faighinn ann an iris Sgoil Eòlais na h-Alba, Tocher.

Seinneadairean / Performers

Mairead NicIllFhialain

Mairead NicIllFhialain

Rugadh Mairead NicIllFhialain anns a' Ghearastan air 3 Màrt, 1970, agus thogadh i air Eilean Seòna dom buineadh a h-athair, Iain. 'S e eilean beag, ...

Fiosrachadh air Mairead NicIllFhialain / Learn more about Mairead NicIllFhialain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.