Èist san Iarmailt Òran Binn

Òran air a sgrìobhadh le: teàrlach wesley agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn.

This is a song written by: teàrlach wesley and sung by: Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Èist san iarmailt òran binn:
Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh;
Sìth air thalamh 's tròcair shèimh,
Dia is daoine rèidh ri chèil'.
Dùisgibh suas, a shluaigh, gu lèir,
'S freagraibh caithream buaidh nan speur;
Togadh talamh 's Nèamh an guth:
Rugadh Iosa Crìosd an-diugh.
Èist san iarmailt òran binn:
Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh.

Crìosd, dhan toir na Nèamhan cliù,
Crìosda, Tighearna mòr nan Dùl –
Seall e tighinn aig crìoch nan linn,
Mac na h-Òigh 's e bàidheil rinn.
Seall an diadhachd anns an fheòil,
Sgàil na daonnachd air a ghlòir:
Ghabh e tlachd an comann dhaoin',
Iosa, ar Imanuel caomh.
Èist san iarmailt òran binn:
Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh.

Fàilt do Phrionns' na sìth on àird!
Fàilt do sholas Grian an àigh!
Bheir e beatha do gach aon,
Slàint' fo sgèith do chlann nan daoin';
Chuir e uaith' a ghlòir le gràdh
Gus ar dìon bho chumhachd bàis;
Togar leis-san daoine suas,
'S nì e iad nan gineal nuadh.
Èist san iarmailt òran binn:
Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh.

Eadar-theangaiche: Gilleasbaig MacDhòmhnaill

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn

Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn

Chaidh Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn a stèidheachadh an Glaschu ann an 1929 agus tha e coltach gun do nochd còrr air ceud duine a' chiad ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn / Learn more about Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.