Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacGriogair (Lieutenant Colonel) agus air a sheinn le: Ailean MacIllEathain agus Màiri Nic a' Ghobhainn.
This is a song written by: Iain MacGriogair (Lieutenant Colonel) and sung by: Ailean MacIllEathain and Màiri Nic a' Ghobhainn.
Sèist / Chorus
Eilean Leòdhais, gur fada thriall mi
Bho d' bheanntan àrd, ach cha d' rinn mi d' dhiochuimhn';
Ged tha na h-Innseachan clìth gam chrìonadh
Cha trèig mi chaoidh thu ged chlaoidh a' ghrian mi.
An t-eilean buadhach san d'fhuair mi m' àrach
Thug mise spèis dhut nach trèig gu bràth mi,
Tha tuinn a' chuain ri cuir bhuainn an tràth seo
Ach nì mi 'n dìreadh gu tìr nan àrmunn.
Cha toir mi luaidh air gach buaidh a dh'fhàs ri
Do fhleasgaich shuairce 's do ghruagaich àlainn
Nam bithinn gleusta chan fhaod mi àicheadh
Nach seinninn rainn 's chuirinn loinn thar càch orr'.
Ach chur an Leòdach an t-òigear ciatach
An cliù 's am mòrachd an òrdugh rianail,
B' e fhèin am fiùran air cùl pean-iarainn
Gu tìr a dhùthcha s a cliù chuir sìos leis.
Ma chì thu 'n t-òlach, cuir eòlas dàn air
Is faic an cuimhne leis oidhchean àraid,
Bha sinn le chèil' – ach chan fheuch mi càite,
Ri mir' is sùgradh 's ri smùideadh Gàidhlig.
B' e siud am fonn thogadh sunnd air m' inntinn,
Nuair bha mi crìon b' e mo mhiann a chluinntinn,
'S bho dh'fhàs mi suas chan e fuath a chinn rium
'S cha chinn gu sìorraidh gum bliath a chill mi.
Oir leam ro bhinn tha guth-cinn mo shinnsear
Na dèan-s' a dearmad, oir dhearbhainn fhèin dhut
Gur i a' chànan a bha 'n Gàrradh Eden
'S gur e thuirt Àdhamh "Mo ghràdh" ri Eubha.
'S e rinn mo leònadh 's le bròn mo chàradh,
An làithean m' òige nach beò na càirdean,
Bha rium-sa caomh 's mi ro mhaoth nam phàisde
'S thug dhomh gaol, 's nach do thraoth gu bàs e.
Mo rùn an triùir dh'fhàg mi brùite, cianail,
Am measg nam bràithrean cha d'fhàs cho ciatach,
Tha aon san ùir aca, 's cuid 's an lìonadh,
'S e shil mo shùil bhi le tùrs' gan iargain.
Ro gheàrr nan dèidh-san gun dh' eug gach pàrant,
Le cridhe brist' 's air am misneachd fhàgail,
Oir taobh ri taobh tha mo chaoimh an càradh,
'S tha m' aigne trom leis cho lom 's a dh'fhas mi.

'S e Ailean a' Mhiseanaraidh a chanadh iad ri Ailean MacIllEathain (1890-1982) ann a' Siabost, am baile anns do dh'fhàs e suas. Ach cha b' ...
Fiosrachadh air Ailean MacIllEathain / Learn more about Ailean MacIllEathain
Rugadh is thogadh Màiri Nic a' Ghobhainn ann an Dail bho Thuath, Leòdhas, ann an dachaigh far an robh seinn na rud cho nàdarrach ri ...
Fiosrachadh air Màiri Nic a' Ghobhainn / Learn more about Màiri Nic a' GhobhainnCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.