Òran air a sgrìobhadh le: Niall MacIllEathain (Bàrd Bhaile Ghobhainn) agus air a sheinn le: Lorna NicDhùghaill.
This is a song written by: Niall MacIllEathain (Bàrd Bhaile Ghobhainn) and sung by: Lorna NicDhùghaill.
'S tu nì mi mholadh le aoigh 's gu toileach,
Eilean Cholla dan tug mi luaidh,
Far an d' fhuair m' àrach nuair bha mi 'm phàiste,
'S tu gheibh chiad àite gu bràth nam smuain.
Le aoigh 's le sòlas gun seinn mi òran
Don àite 's bòidhche leam fhìn fon ghrèin;
'S tu, Eilean Cholla, nì mise mholadh,
An t-eilean mollach dan tug mi spèis.
Do chladach fiadhaich nuair bhios na siantan
Le oillt a' siabadh do thìr mun cuairt,
Ach bòidheach, greannmhor, ri fèath an t-samhraidh,
'S e dùsgadh sannt' a bhith measg an t-sluaigh.
Mo dhùrachd blàth nunn don eilean àghmhor
San robh mo chàirdean a' tàmh bho chian;
'S e 'n t-Eilean Collach nì mise mholadh,
An t-àit' as àill' air 'n do sheall mi riamh.
Rugadh Lorna NicDhùghaill ann an Grianaig ach thogadh i ann an Caol Loch Aillse far an robh a h-athair, an t-Urramach Iain MacDhùghaill, na mhinisteir ...
Fiosrachadh air Lorna NicDhùghaill / Learn more about Lorna NicDhùghaillCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.