Ealaidh Ghaoil (Gur Gile Mo Leannan)

Òran air a sgrìobhadh le: Eòghann MacLachlainn agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, còisir ghàidhlig obar pheallaidh agus Teàrlach MacFhionghain.

This is a song written by: Eòghann MacLachlainn and sung by: Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, còisir ghàidhlig obar pheallaidh and Teàrlach MacFhionghain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Air fàillirinn ìllirinn ùillirinn ò,
Air fàillirinn ìllirinn ùillirinn ò,
Air fàillirinn ìllirinn ùillirinn ò,
Gur bòidheach an comann th' aig coinneimh 'n t-Srath-mhòir.

Gur gile mo leannan nan eal' air an t-snàmh,
Na cobhar na tuinne 's e tilleadh gu tràigh,
Nam blàth-bhainne buaile 's a' chuach leis fo bhàrr,
No sneachd nan gleann dosrach ga fhroiseadh mun bhlàr.

Mar na neòil bhuidhe lùbas air stùcaibh nan sliabh,
Tha cas-fhalt mo rùin-sa gu siùbhlach a' snìomh;
Tha gruaidh mar an ròs nuair is bòidhche bhios fhiamh
Fo ùr-dhealt a' Chèitein mun èirich a' ghrian.

Mar Bhèineas a' boillsgeadh thar choilltean nan àrd,
Tha mìog-shùil gam bhuaireadh le suaicheantas gràidh.
Tha bràighe nan seud ann an èideadh gach àigh,
Mar ghealach nan speur 's i cur reultan fo phràmh.

Bidh 'n uiseag 's an smeòrach feadh lòintean an driùchd,
Toirt fàilte len òrain don òg-mhadainn chiùin;
Ach bidh 'n uiseag neo-sheòlta 's an smeòrach gun sunnd,
Nuair a thòisicheas m' eudail air gleusadh a ciùil.

Nuair thig samhradh nan neòinean a' còmhdach nam bruach
Bidh gach eòinean sa chròc-choill' a' ceòl leis a' chuaich;
'S bidh mise gu h-èibhinn a' leumnaich 's a' ruaig
Fo dhlùth-gheugaibh sgàileach a' mànran rim luaidh.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Ewen MacLachlan's Gaelic Verse. Comprising a Translation of Homer's Iliad, Books I-VIII, and Original Compositions deasaichte le Iain Dòmhnallach, Oilthigh Obar Dheathain, 1937.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain

Chaidh Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain a stèidheachadh bho thùs le Uisdean Alasdair Friseal, a bha na fhear-teagaisg Gàidhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Rugadh e ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain
Teàrlach MacFhionghain

Teàrlach MacFhionghain

Rugadh Teàrlach MacFhionghain ann am Brù, Leòdhas, ann a 1930. Bhuineadh a mhàthair, Màiri Chaimbeul, do Chros, Nis agus b' ann à Brù a bha ...

Fiosrachadh air Teàrlach MacFhionghain / Learn more about Teàrlach MacFhionghain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.