Òran air a sgrìobhadh le: Niall MacLeòid agus air a sheinn le: Coinneach MacThòmais, còisir òg ghàidhlig ìleach ghlaschu agus Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim).
This is a song written by: Niall MacLeòid and sung by: Coinneach MacThòmais, còisir òg ghàidhlig ìleach ghlaschu and Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim).
Sèist / Chorus
Guma slàn don rìbhinn òig
Tha tàmh an eilean gorm an fheòir.
'S e dh'fhàg m' inntinn trom fo leòn
Nach fhaod mi 'n còmhnaidh fuireach leat.
An àm dhuinn dealachadh Dimàirt,
Gun fhios an tachair sinn gu bràth,
Gun d' iarr mi gealladh air mo ghràdh
'S a làmh gum biodh i fuireach rium.
Shiùbhlainn deas is shiùbhlainn tuath,
Dh'fhuilinginn acras agus fuachd,
'S cha ghearaininn air smùid a' chuain
Nam buannaichinn a' chruinneag ud.
'S ged tha mi 'n seo air bhàrr nan sian,
A' sabaid ris a' Chuan an Iar,
Cha bhi mi cuimhneachadh mo dhìol
Nuair nì Caitrìona furan rium.

Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Shomhairle Ruairidh Dhòmhnaill Eòghainn, neo Dòmhnall Shàim, mar as eòlaiche daoine air, ann am Mànais ann am Bàigh na Hearadh, air ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim) / Learn more about Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim)
Rugadh Coinneach MacThòmais ann an Ceann Loch Chille Chiarain air 20 Lùnastal, 1949. B' ann à Cinn Tìre a bha cuideachd athair agus bha a ...
Fiosrachadh air Coinneach MacThòmais / Learn more about Coinneach MacThòmaisCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.