Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Caimbeul (Dòmhnall Phàil) agus air a sheinn le: Calum Ros, Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag), Fionnlagh MacNèill, Kathleen NicDhòmhnaill agus Tormod MacIllEathain.
This is a song written by: Dòmhnall Caimbeul (Dòmhnall Phàil) and sung by: Calum Ros, Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag), Fionnlagh MacNèill, Kathleen NicDhòmhnaill and Tormod MacIllEathain.
Gu bheil mulad air m' inntinn
Bhon latha thàinig mi an tìr seo
'S nach fhaic mi mo nìghneag dhonn òg.
Bho nach fhaic mi mo nighneag dhonn òg,
Mi an seo an Dùn Èideann ann an comann luchd Beurla
'S chan eil m' inntinn ag èirigh rin ceòl.
Chan eil m' inntinn ag èirigh rin ceòl,
On dh'fhàg mi mo chaileag dhan tug mi gaol falaichte
'S ann a dh'fhàg mi i an Raineach nam bò.
'S ann a dh'fhàg mi i an Raineach nam bò,
'S ann a dh'fhàg mi mo chuachag an òir-fhuilt chama-lubaich, chuachaich
An taobh thall de Dhruim Uachdair an fheòir.
An taobh thall de Dhruim Uachdair an fheòir,
Tha deud snaighte mar dhìsnean am beul meachair mo rìbhinn,
Calpa cuimir is troigh uallach am bròig.
Calpa cuimir is troigh uallach am bròig,
'S ged a chruinnicheadh an dùthaich gu Fèill Chinn a' Ghiùthsaich,
Cha bhiodh tè ann dhan dùraiginn pòg.
Cha bhiodh tè ann dhan dùraiginn pòg,
Ged bhithinn seachd bliadhna mach a' siubhal nan crìoch seo
Tè eile chan iarrainn 's tu beò.

Rugadh Calum Ros aig Kildonan Drive ann am Partaig ann an Glaschu air 21 Faoilleach 1934. B' e Calum Dhòmhnaill na Banrigh, à Flòdaigearraidh san ...
Fiosrachadh air Calum Ros / Learn more about Calum Ros
Rugadh Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ann am Bruairnis am Barraigh ann an 1903. Chaochail a mhàthair nuair a bha e dà bhliadhna a dh'aois is chaidh ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag) / Learn more about Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)
'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bàtaichean a bha a' ...
Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill
Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Rugadh Tormod MacIllEathain ann an Glaschu ann an 1936. 'S e docair a bha na athair Niall Mòr, mac Eòghainn Ruaidh, a bhuineadh do Thiriodh. ...
Fiosrachadh air Tormod MacIllEathain / Learn more about Tormod MacIllEathainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.