Don Chuthaig

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacLachlainn (An Lighiche) agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, còisir àrd-sgoil mhicNeacail, Eàirdsidh Grannd, Màiri NicAonghais agus sheena walker.

This is a song written by: Iain MacLachlainn (An Lighiche) and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, còisir àrd-sgoil mhicNeacail, Eàirdsidh Grannd, Màiri NicAonghais and sheena walker.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O fàilte ort fhèin, a chuthag ghorm,
Led òran ceòlmhor milis!
'S e seirm do bheòil sa Chèitein òig
A thogadh bròn o m' chridhe.

'S ro bhinn leam d' fhuaim sa mhadainn Chèit'
'S tu air bhàrr geug san innis,
No am feasgar ciùin aig bun nan stùc
Nuair bhiodh an drùchd a' sileadh.

O innis càite an robh do thriall
Nuair bha na siantan fionnar,
No an robh thu 'd thost, gun chàil, gun toirt
An còs a' chnuic fo dhubhar?

'S mòr m' fharmad riut, a chuthag chòir,
Cha dèan thu bròn nad shiubhal,
Chionn tha do dhoire daonnan gorm
'S do chridhe an còmhnaidh subhach.

Ged theicheas tu ron fhuachd air àm
Gum faic do ghleann thu rithist,
Ach nuair bheir mise ris mo chùl
Cha bhi mo dhùil ri tilleadh.

'S truagh nach b' urrainn domh leat triall
Air astar sgiath nar dithis,
Le caismeachd bhinn toirt fios gach àm
Nuair bhiodh an samhradh tighinn.

Cuspair an Òrain

A rèir Eòghainn Mhic a' Phì air prògram Gàidhlig a' BhBC air 25/05/1953 cha robh ceòl idir ris an òran an toiseach. Chòrd na briathran cho math ri Calum MacPhàrlain 's gun do dh'fheuch e ri fonn a chuir orra, ach dh'fhairtlich sin air. Sgrìobh e gu Gilleasbaig MacFhearghais bha os cionn còisir ciùil Ghàidhlig Eaglais Chaluim Chille a' faighneachd dha am feuchadh e fhèin air. Fhreagair Gilleasbaig gu feuchadh e nan cuireadh Calum MacPhàrlain facail ri seann fhonn eile a chuireadh MacFhearghais thuige. Mar sin fhuair sinn da òran ùr, Don Chuthaig agus Mo Dhachaigh.

Seinneadairean / Performers

Anna Latharna NicGillìosa

Anna Latharna NicGillìosa

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...

Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa
Màiri NicAonghais

Màiri NicAonghais

Rugadh Màiri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghais
Eàirdsidh Grannd

Eàirdsidh Grannd

Ged a rugadh Eàirdsidh Grannd ann an Lenzie, air iomall Ghlaschu, ann an 1902, thogadh e le Gàidhlig mar chiad chànan. Bha e seachd bliadhna ...

Fiosrachadh air Eàirdsidh Grannd / Learn more about Eàirdsidh Grannd

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.