Dòmhnall nan Dòmhnall

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: anne s. nicdhòmhnaill, catriona nicÌomhair parsons, Donna Mhoireach, gillian nicChoinnich agus Jenna Chuimeanach.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: anne s. nicdhòmhnaill, catriona nicÌomhair parsons, Donna Mhoireach, gillian nicChoinnich and Jenna Chuimeanach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Thug mi sùil thar a' bhealaich,
Thug mi 'n sealladh ud bhuam
Dh'fheuch am faicinn mo leannan
Tighinn dhan bhaile san uair;
Fhir a dh'òladh an tocsaid
'S a chostadh a luach:
'S math thig bonaid ghorm dhathte
Air cùl bachlach nan dual.

B'fheàrr gu faicinn a-nuas thu
'S do ghruaidh mar an ròs,
Agus d' anail mar ùbhlan
'S do chùl mar an t-òr;
Do bheul tha dearg tana,
'S blas na meal' air do phòig:
Gura gìomanach eal' thu
Agus lach air an lòn.

O 's èibhinn gach àite
Am biodh pàirt de Chlann Nìll;
Gura h-uasal gach òigfhear
Leis an òlte am fìon;
Air chairtean ag iomairt
Gun mhionnan gun strì -
Gur ann làmh riutha shuidhinn
Is gu leiginn mo sgìths

Gura bòidheach, gura bòidheach,
Gura bòidheach na lòin,
Gura bòidheach an t-aonach
Air an sgaoileadh an ceò
Gura bòidheach an Losaid
'S Baile Ghrobain na còir
Gura bòidheach Ceann Loch
Far 'm bi mo sheachd rùn ag òl.

Dhè! nam biodh tu mar shionnach
Air an tulaich ud thall
Agus mise mar eala
Air bharraibh nan tonn;
Nàile! Rachainn ad choinneamh
Agus mheallainn thu leam
Lùb ùr a' chùil chlannaich,
Ort tha m' anam an geall.

A Dhòmhnaill nan Dòmhnall,
Sùil mhòdhar ad cheann;
Rìgh! Gur math thig dhut triubhais
Dhol a shiubhal nam beann;
'S cha mhios thig dhut stocaidh,
Bròg shocair 's i teann
'S tric a laigh mi ri d' thaobh,
'S ann leam a b' aobhach bhith ann.

Cuspair an Òrain

Tha an t-òran seo à Maol Chinn Tìre ach a bharrachd air a' sin chan eil mòran fiosrachaidh ann mu dheidhinn ged a tha am measg nan òrain gaoil as àlainn a th' anns a' Ghàidhlig.

Seinneadairean / Performers

Jenna Chuimeanach

Jenna Chuimeanach

'S ann à Inbhir Nis a tha Jenna Chuimeanach o thùs. 'S i an seinneadair Criosaidh Nic a' Phiocair a màthair agus tha piuthar nas ...

Fiosrachadh air Jenna Chuimeanach / Learn more about Jenna Chuimeanach
Donna Mhoireach

Donna Mhoireach

Rugadh Donna Mhoireach air 15 Iuchar, 1983, nighean le Calum Iain Nèill, Kim à Tung, Leòdhas agus Criosaidh NicDhùghaill, Criosaidh Dhòmhnaill Dhonnchaidh, à Malacleit, Uibhist ...

Fiosrachadh air Donna Mhoireach / Learn more about Donna Mhoireach

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.