Òran air a sgrìobhadh le: Lachann Mac an Lèigh (Lachann Dubh a' Chrògain) agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig ghrìanaig, còisir ghàidhlig steòrnabhaigh agus Ruairidh Caimbeul.
This is a song written by: Lachann Mac an Lèigh (Lachann Dubh a' Chrògain) and sung by: còisir ghàidhlig ghrìanaig, còisir ghàidhlig steòrnabhaigh and Ruairidh Caimbeul.
Sèist / Chorus
Dòmhnall an Dannsair is srann aige tighinn,
Bidh lùb air a' chrann 's gach ball an ruigheadh;
Nuair gheibh thu 'n taigh Angais dram no dithis,
Gun gearradh tu figear air cabhsair.
Am bàta dubh, daraich a th' agadsa daonnan,
Cosnadh an arain ag aiseag nan daoine;
Chan fhan thu aig baile latha gaillinn no gaoithe,
Gur cò-dheas leat Faoilteach no samhradh.
Sgiobair ga stiùireadh 's a shùil air an iarmailt,
'S i gearradh muir dhubh-ghorm gu dùthaich na riaghailt;
'S e baile nam bùthan tha 'n iùbhrach ag iarraidh,
Cho luath ris an fhiadh 's e na dheann-ruith.
Ri brais an t-sruth lìonaidh gu sìnteagach uallach
Nuair shèideadh am brìos oirre, shìneadh i gualainn
Thèid i gu dìreach gu tìr nan daoin'-uaisle
Ged shèideadh e cruaidh ann an ceann oirr'.
Nuair thog thu siùil bhàna ri bàrr a cruinn chaola,
Leumadh is chrathadh i, 's ghabhadh i 'n aodainn;
Sgrogadh tu bhonaid dà chromadh air d' aodann
'S tu gearan an t-aodach bhith gann oirr'.
'S e MacIlleDhuibh a fhuair urram a' chruadail,
Sgoilteadh e 'm buinne na mheallaibh o cruachain;
Seall sibh na luingeis air eagal am fuadach,
A' fuireach an Cluaidh fad a' gheamhraidh.
Thu tighinn gu seòlta 's tu eòlach sna sgeirean
Tha cliù ort, a Dhòmhnaill, feadh chòrsaichean eile;
Do chombaist an òrdugh ga seòladh san deireadh,
Gad chumail far Eilean nan Gamhna.
Do ghillean cho fileant' gu riofadh a h-aodaich
Ainmeannan bòidheach air ròpannan caola;
'S mas e 's gun tig ceò ort ga seòladh tron Chaolas
Bidh fear air gach taobh dhith le lanntair.
'S e 'm fasan a bh' agad nuair bha thu 'n tùs d' òige
Air tilleadh do Ghlaschu dhachaigh thar bhòidse,
Dh'òladh tu uile do chuid san taigh-òsta
Is shuidheadh tu còmh' ri tè Ghallda.
Tha balaich a' bhaile seo tachairt ort daonnan
Eagal nam blaigeardan 's bail' Inbhir Aora;
Cha b' iongnadh leam idir ged shèideadh tu caonnag
Nuair chì iad thu, laochain, 's an dram ort.
Tha uaislean a' bhaile seo tighinn gu stràiceil,
Lem brataichean geala 's am bathar gud bhàta,
A' phacaid bheag Liosach 's i tighinn gu sàbhailt',
Le ìm agus càis' gu MacLabhrainn.
Dòmhnall an Dannsair
B' e Dòmhnall an Dannsair a chante ri Dòmhnall Mac Ille Dhuibh à Lios Mòr. Rugadh e ann an 1801 agus bha e beò gu 1889. Bha e na sgiobair air bàta Liosach a bha a' giùlain a h-uile seòrsa stuth eadar Lios Mòr agus an t-Òban, agus eadar an t-Òban agus an Crògan Muileach. A bharrachd air a bhith na dheagh sgiobair tha e coltach gu robh e sònraichte math air dannsa.
A h-uile uair a bhiodh e anns a' Chrògan bhiodh e a' tadhal air a sheann charaid, am bàrd, Lachann Mac an Lèigh.
Anns an leabhar aige, Sgeul no Dhà às an Lios (Comunn Eachdraidh Lios Mòr, 2006) tha naidheachd mun t-òran Dòmhnall an Dannsair ga h-innse leis an ùghdair, Dòmhnall Mac Ille Dhuibh. An dèidh do Lachann an t-òran a dhèanamh tha e coltach gun do sheinn e e do Dhòmhnall, 's iad air coinneachadh as an Òban:
"Chord an t-òran ris a' ghaisgeach math dha-rìribh - ach aon rann! Thug Lachann iomradh air "ar-a-mach" anns an robh an Dannsair nuair a bha e fhèin agus an sgoth aige air turas gu ruige Glaschu, baile anns a bheil a h-uile droch-bheairt a' tàladh mharaichean, 's iad nan aonar, bho rathad cumhang, cugallach a' cheartais!
Freagairt Dhòmhnaill: "Tha an t-òran a' còrdadh uabhasach math rium ach aon rann – rann a dh'fhàgas sibh às, a sheann charaid, mas e ur toil!"
Agus feumaidh gun d' rinn a sheann caraid mar a chaidh iarraidh air.
Tha sliochd Dhòmhnaill an Dannsair fhathast ann an Lios Mòr agus canar Na Dannsairean ris an teaghlach chun an latha an-diugh.

Rugadh Ruairidh Caimbeul, Ruairidh Pheter Ruairidh, anns an Nasg am Barraigh, air 22 Ògmhios, 1937. B' i Theresa NicIain, Tèireag Aonghais Chaluim, a mhàthair agus ...
Fiosrachadh air Ruairidh Caimbeul / Learn more about Ruairidh CaimbeulCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.