Dh'fhalbh mo Nighean Chruinn, Donn

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Calum Ceanadach, Eàirdsidh Mac an t-Sagairt agus niall houston.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Calum Ceanadach, Eàirdsidh Mac an t-Sagairt and niall houston.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Dh'fhalbh mo nighean chruinn donn
Bhuam do dh'Iùraidh,
Dh'fhalbh mo nighean chruinn donn,
Cneas mar eala nan tonn
Beul om binne thig fonn
Leis an deagh iompaidh.

'S truagh nach robh mi 's mo ghaol
Ann an gleann cùbhraidh,
'S truagh nach robh mi 's mo ghaol
Ri uisg' ann 's ri gaoith;
'S fo shileadh nan craobh,
Bhitheamaid sunndach.

Nam biodh agamsa sprèidh
Bhithinn glè chùirteil,
Nam biodh agamsa sprèidh
Feadh bheann agus shlèibh,
B' ùr a gheibhinn thu fhèin,
'S cha bu chèil' ùmaidh.

Ged tha thusa an trà-s'
Ann an Gleann Iùraidh,
Ged tha thus' ann an tàmh
Tha d' aigne fo phràmh,
Agus mise gun stàth,
Le do ghràdh ciùrrte.

Beir mo shoraidh gun dàil
Bhuam do dh'Iùraidh,
Beir mo shoraidh le gràdh
Dh'fhios na h-òigh' rinn mo chràdh;
'S nuair a chluinn i mar tha
Bidh si fèin tùrsach.

Chan eil aice mar chèil'
Ach am fìor ùmaidh,
Chan eil aice mar chèil'
Ach sean bhodach gun spèis
'S e mar ghearran bhon fhèill
Doirbh, breun, brùideil!

Seinneadairean / Performers

Calum Ceanadach

Calum Ceanadach

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...

Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum Ceanadach
Eàirdsidh Mac an t-Sagairt

Eàirdsidh Mac an t-Sagairt

Rugadh Eàirdsidh Mac an t-Sagairt ann an Glaschu air 24 An t-Ògmhios, 1931. Bha a phàrantan le chèile à Ìle, athair, Eàirdsidh, à Bogha Mòr ...

Fiosrachadh air Eàirdsidh Mac an t-Sagairt / Learn more about Eàirdsidh Mac an t-Sagairt

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.