Dhèanainn Sùgradh Ris an Nighinn Duibh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, Mnathan Luaidh Liùrboist agus na poozies.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, Mnathan Luaidh Liùrboist and na poozies.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Dhèanainn sùgradh ris an nighinn duibh,
'n dèidh dhomh èirigh anns a' mhadainn,
Dhèanainn sùgradh ris an nighinn duibh.

Dhèanainn sùgradh ris a' ghruagaich
Nuair a bhiodh a' sluagh nan cadal.

Dhèanainn sùgradh an àm dùsgaidh
'N àm na siùil a bhith gam pasgadh

'S ann Diluain an dèidh Didòmhnaich
dh'fhalbh sinn le Seònaid à Arcaibh.

Bha muir gorm a' ruith fo cuinnlein,
's i cur still à grunnd an aigeil.

Riof ga ceangal 's riof ga fuasgladh
muir mu gualainn, fuaim is fead oirr'.

Null mu chaolas na Ròimh
B' fheudar dhuinn am bòm a laiseadh.

Null mu chaolas na Fraing
Maide na làimh 's gaoth ga ghreasad.

Cha robh ròp a feum a splaidhseadh
Air mo mhaighdeann ri tighinn dhachaidh.

Dh'fheumadh pòrsan thighinn à bùth dhi
Ged a bhiodh e crùn an cairteil.

Ged a bhiodh e crùn an òirleach
Dh'fheumadh pòrsan dheth thighinn dhachaidh.

Seinneadairean / Performers

Mnathan Luaidh Liùrboist

Bha cuid de na boireannaich a bha seinn còmhla ri Mnathan Luaidh Liùrboist eòlach gu leòr air a bhith a' luadh chlò. Bha cuimhne aig ...

Fiosrachadh air Mnathan Luaidh Liùrboist / Learn more about Mnathan Luaidh Liùrboist
Anna Latharna NicGillìosa

Anna Latharna NicGillìosa

Tha an t-Oll. Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...

Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.