Dhealaich Mise Nochd Rim Leannan

Òran air a sgrìobhadh le: Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) agus air a sheinn le: Niall MacIllEathain.

This is a song written by: Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) and sung by: Niall MacIllEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Dhealaich mise nochd rim leannan,
Dhealaich mi rim leannan fhèin;
Dhealaich mise nochd rim leannan,
Mìle beannachd às a dèidh.

Och mo thruaigh, cha d' fhuair mi fanachd
Leis a' chaileig mheal gach buaidh,
Theich an uair air sgiath na cabhaig,
'S b' fheudar dealachadh rim luaidh.

Ceart mar thriallas sgàil an tanaisg
No mar dhealan anns an speur,
'S ann mar sin a chaill mi sealladh
Air an ainnir fhuair mo spèis.

Bhon a chuir mi fhìn ort aithne,
Bha thu beusach, banail, ciùin;
Chaoidh chan fhaic mo shùil air thalamh,
Tè cho airidh air gach cliù.

Blàth-shuil chaoin as caoile mala,
Cuailean mìn nan camag donn;
Deud gheal, ghrinn fo bhilean tana,
Cneas mar eala bhàn nan tonn.

Cha tèid mise chùirt nan gallan,
Chan eil aighear dhomh fon ghrèin,
'S ann a bhios mo chridhe fo smalan
Gus an till mo leannan fhèin.

Seinneadairean / Performers

Niall MacIllEathain

Niall MacIllEathain

Ged a rugadh e ann an Glaschu, 's ann an Earra-Ghàidheal, ri taobh Loch Eala, a fhuair Niall MacIllEathain (1896-1962) àrach. Bha a sheanair agus ...

Fiosrachadh air Niall MacIllEathain / Learn more about Niall MacIllEathain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.