Òran air a sgrìobhadh le: Iain Caimbeul agus air a sheinn le: còisir òg ghàidhlig an eaglais bhreac.
This is a song written by: Iain Caimbeul and sung by: còisir òg ghàidhlig an eaglais bhreac.
Dèan ba ba, mo leanabh, dèan cadal a rùin,
'S a' mhadainn gu moch-thrathach dh'fhosgail thu sùil,
Nuair bha eunlaith an doire ri coireal 's puirt-ciùil
Bha thu 'd mhàgaran-làir a' sàrach nan glùn.
Tha na blàithean as àillidh tha fàs air na tuim,
A' bhuidheag 's an neòinean 's iad òr-bhuidhe cruinn,
An canachan mòintich is sòbhrag na coill'
Air dùnadh an sùilean ro dhùbhradh na h-oidhch'.
Nis dèan-sa do chadal, a chagarain gràidh,
'S gu robh Freastal gad stiùireadh 's gach cùis agus càs,
'S e mo mhiann is mo dhùrachd thu rùin a bhith fàs,
Mar gheug is i brùchdadh toradh dùbailt thar chàich.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.