Òran air a sgrìobhadh le: alasdair macLeòid agus air a sheinn le: Seumas Greumach.
This is a song written by: alasdair macLeòid and sung by: Seumas Greumach.
A ghillean òga èistibh
Gus 'n dèan mi sgeula aithris dhuibh
Oir b'fheudar dhomh bhith fàgail
An tìr a dh' àraich m' athraichean.
Cur cùlaibh cur cùlaibh
Cur cùlaibh ri Asainte
Cur cùl ri tìr nan Gaidheal
Far 'n robh mi òg is amaideach.
Sann air Diciadain
Gu moch anns a' mhadainn
Dh'fhalbh mise le mo thriall
'S mi dol thar chuan a Chanada.
Cur cùlaibh cur cùlaibh
Air fàgail a' Chùl-chinn dhomh
Bha mo chàirdean mall rium dealachadh
Bha smalan tighinn air m' inntinn
'S mi fàgail nan caileagan.
Cur cùlaibh cur cùlaibh
Cur cùlaibh ri Asainte
Cur cùl ri tìr nan Gaidheal
Far 'n robh mi òg is amaideach.
Disathairne rinn sinn seòladh
Bhon Bhroomielaw 'n Glaschu
Measg treubhan dhe gach seòrsa
Air bòrd 'n "Southwark" Shasannach
Cur cùlaibh cur cùlaibh
Dol seachad cùlaibh Èirinn
Bha muir is gaoth ri cathadh ann
'S na h-uile bha air bòrd
Gu tinn le cur na mara orr'.
Cur cùlaibh cur cùlaibh
Tha mi nochd gu tùrsach
Falbh air sràidean Chanada
Is caolas farsaing fuar
Eadar mi 's mo luaidh tha 'n Asainte.
Cur cùlaibh cur cùlaibh
Cur cùlaibh ri Asainte
Cur cùl ri tìr nan Gaidheal
Ach dùil gun till mi dhachaigh ann.

'S ann à Loch an Inbhir, an Asainte, a tha Seumas Greumach agus dh'fhàs e suas ann an dachaidh as an robh ceòl agus òrain ...
Fiosrachadh air Seumas Greumach / Learn more about Seumas GreumachCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.