Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacPhàrlain agus air a sheinn le: aunice m. nicGillìosa agus Màiri NicArtair.
This is a song written by: Calum MacPhàrlain and sung by: aunice m. nicGillìosa and Màiri NicArtair.
Òigh mo chridhe, òigh mo ghràidh!
'S fuar an-diugh d' àite tàimh.
Shearg do dhuilleach, chrìon do bhlàth,
Is chàraich iad san ùir thu.
'S mise tha cràite, 's mise tha truagh,
Dh'oidhche 's a latha gad ionndrainn uam,
Ghlais iad m' èibhneas anns an uaigh,
'S chan fhuasgail caoidh no tùrs' i.
Bha thu ciùin, bha thu caomh;
Bha gach dùil ort an gaol.
B' i do bhathais mhàlda, chaoin,
Mo ghràdh a dh'aom air tùs riut.
Thug thu barrachd ann am beus;
Bha thu maiseach thar nan ceud;
Bha do chruth gun mheang, gun bheud -
Is trom mo ghleus gad ionndrainn.
Chaidh thu às, reul nam buadh;
Dh'fhàg thu 'n speur tuille 's luath -
Neul a' bhàis, 's e sgar thu bhuam,
'S is tuathal, trom mo chùrsa.
Bha thu rium mar sholas iùil,
Rionnag dheàlrach, sheud mo shùl;
Tha mi nis mar long gun stiùir,
Gun phort am dhùil às d' aonais.
Ach tha speur shuas air nèamh
Air nach gluais ceò no neul,
Iarmailt shoillseach 's àille sgèimh,
Is deàrrsaidh tu às ùr ann.
Deàlraich thusa nuas am chridh',
'S treòraich mise chun na tìr
Anns an àill leam leat-sa bhith
A-chaoidh gun dìth, gun chùram.

Rugadh Màiri NicArtair ann an Ceann Loch Gilp agus tha dithis pheathraichean agus bràthair aice. B' ann à Bhalla, ann an Tiriodh, a bha a ...
Fiosrachadh air Màiri NicArtair / Learn more about Màiri NicArtairCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.