Cumha MhicCruimein

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn, còmhlan-ciùil àrd-sgoil mhicNeacail, Kirsteen Ghrannd agus na còisirean.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn, còmhlan-ciùil àrd-sgoil mhicNeacail, Kirsteen Ghrannd and na còisirean.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Dh'iadh ceò nan stùc mu aodann Chuilinn
Is sheinn a' bhean-shìth a tòrman mulaid;
Gorm shùilean ciùin san Dùn a' sileadh
On thriall thu bhuain 's nach till thu tuilleadh.

Sèist / Chorus

Cha till, cha till, cha till MacCriomain
An cogadh no sìth cha till e tuilleadh;
Le airgead no nì cha till MacCriomain
Cha till e gu bràth gu latha na cruinne.

Tha osag nam beann gu fann ag imeachd,
Gach sruthan 's gach allt gu mall le bruthach;
Tha ealtainn nan speur feadh gheugan dubhach
A' caoidh gun d' fhalbh 's nach till thu tuilleadh.

Tha 'n fhairge fa dheòidh làn bròin is mulaid,
Tha 'm bàta fo sheòl, ach dhiùlt i siubhal;
Tha gàirich nan tonn le fuaim neo-shubhach,
Ag ràdh gun d' fhalbh 's nach till thu tuilleadh.

Cha chluinnear do cheòl san Dùn mu fheasgar,
'S mac-talla nam mùr le mùirn ga fhreagairt;
Gach fleasgach is òigh gun cheòl, gun bheadradh,
On thriall thu uainn 's nach till thu tuilleadh.

Tuilleadh Fiosrachaidh

A rèir na sgeòil b' e piuthar do Dhòmhnall 'Bàn MacCruimein' a rinn facail an òrain seo. Bhuineadh Dòmhnall Bàn don teaghlach ainmeil a bha air am fastadh mar phìobairean thairis air ginealaich le cinn-cinnidh Chloinn 'icLeòid Dhùn Bheagain as an Eilean Sgitheanach.

Tha sgeulachd ann a tha ag innse gun do rinn Dòmhnall Bàn fhèin am fonn an oidhche mus do dh'fhalbh e à Dùn Bheagain a shabaid air taobh nan Seumasach ann an 1745. Bha e air a ràdh gu robh fios aige nach robh e dol a thilleadh agus gu dearbha gun deach a mharbhadh air Diciadain 16 Gearran, 1746, aig Ruaig na Mòighe nuair a dh'fheuch riaghaltas Bhreatainn ri feachd a' Phrionnsa Teàrlach a ghlacadh gun fhiosta aig Mòigh.

Seinneadairean / Performers

Kirsteen Ghrannd

Kirsteen Ghrannd

Rugadh Kirsteen Ghrannd ann an Glaschu, nighean le Mairead NicAonghais agus Dòmhnall Grannd à Camas Cros as an Eilean Sgitheanach. Tha bràthair aice, ...

Fiosrachadh air Kirsteen Ghrannd / Learn more about Kirsteen Ghrannd
Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn

Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn

Chaidh Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn a stèidheachadh an Glaschu ann an 1929 agus tha e coltach gun do nochd còrr air ceud duine a' chiad ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn / Learn more about Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.