Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Màiri Sandeman.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Màiri Sandeman.
Och nan och, leagadh thu,
Och nan och, leagadh thu,
Och nan och, leagadh thu
Am bealach a' ghàrraidh.
Is mise bhean mhuladach
A' giùlain na curraice,
On a chualas aig gach duine
Gur ann na mhullach bha 'm fàbhar.
'S truagh nach robh mis' an sin,
'S truagh nach robh mis' an sin,
'S truagh nach robh mis' an sin,
Is bheirinn air làimh ort.
Is mise tha gu tùrsach,
'S tric snigh' air mo shùilean,
'S mi 'g ionndrainn an fhiùrain,
Marcaich ùr nan steud àlainn.
Eòghainn òig, leagadh thu,
Eòghainn òig, leagadh thu,
Eòghainn òig, leagadh thu,
An clàbar a' ghàrraidh.
Gur mise tha tùrsach
On chuir iad san ùir thu;
Thoir mo shoraidh le dùrachd
Gu tùr nan clach àrda.
Eòghainn òig, leagadh thu,
Eòghainn òig, leagadh thu,
Eòghainn òig, leagadh thu,
Gun fhios dhomh 's mi làmh riut.
Dhannsadh tu còmhnard
Nan seinneadh iad ceòl dhut,
'S cha lùbadh tu am feòirnean
Fo shròin do bhròig' àirde.
Och nan och, leagadh thu,
Och nan och, leagadh thu,
Och nan och, leagadh thu
Am bealach a' ghàrraidh.
Cuspair an Òrain
Anns an aon dòigh 's a tha diofar thionndaidhean den òran ann, tha diofar naidheachdan agus sgeulachdan mu Chumha Mhic an Tòisich. Tha an t-òran cho sean 's dòcha ris an t-siathamh linn deug.
A rèir beul-aithris chaidh ceann-cinnidh òg Mhic an Tòisich a thilgeil far an eich air an robh e a' marcachd, 's e a' tilleadh air ais bhon bhanais aige fhèin. Bha a' bhean ùr air an aon rathad ach cha robh fios aice mun tubaist.
Bha e air a ràdh gur e seo an tuireadh a sheinn i fhad 's a bhathar a' giùlain ciste an duine aice chun an tòraidh, bho Dealgros gu Peitidh faisg air Inbhir Nis.
Ann an tionndadh eile den òran tha i ag innse mar a bha i na maighdeann, na bean-phòsda agus na banntraich ann an aon latha:
Ochain a laoigh, leag iad thu,
Leag iad thu, leag iad thu;
Ochain a laoigh, leag iad thu
Am bealach a' ghàrraidh.
'S truagh nach robh mis an sin
'S truagh nach robh mis an sin
'S truagh nach robh mis an sin
Is ceathr' air gach làimh dhomh.
An leann thog iad gu d' bhanais
An leann thog iad gu d' bhanais
An leann thog iad gu d' bhanais
Air t-fhalairidh bha e.
Bha mi 'm bhrèidich 's 'm ghruagaich,
Am bhrèidich 's 'm ghruagaich,
Am bhrèidich 's 'm ghruagaich,
'S am bhanntraich san aon uair ud.
Gun chron air an t-saoghal ort
Gun chron air an t-saoghal ort
Gun chron air an t-saoghal ort
Ach nach fheud thu saoghal buan fhàistinn.
Dh'fhaodadh e bhith gur robh an t-òran seo air a chleachdadh mar chaoineadh le mnathan tuireadh a bhiodh a' dol a chaoineadh aig àm bàis. Tha e coltach gu bheil ceangal aig an òran cuideachd ris a' phìobaireachd Cumha Mhic an Tòisich.
Rugadh agus thogadh Màiri Sandeman ann an Dùn Èideann. B' ann à Devon a bha a màthair, Màiri Trump, agus thàinig cuideachd a h-athar, Pat ...
Fiosrachadh air Màiri Sandeman / Learn more about Màiri SandemanCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.