Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, Carol Nic a' Bhreatannaich, catrìona nicArtair, Kathleen NicDhòmhnaill, mairead nic a' phiocair agus Seumas C. M. Caimbeul.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, Carol Nic a' Bhreatannaich, catrìona nicArtair, Kathleen NicDhòmhnaill, mairead nic a' phiocair and Seumas C. M. Caimbeul.
Sèist / Chorus
Hil o rò bha hò, hil o rò bha hò,
Hil o hò hil o, rò bha hò rionn eile.
'S mi nam shuidh' air an fhadhlainn,
'S mi gun fhaoilte, gun fhuran,
Rìgh! cha tog mi fonn aotrom,
O Dhihaoine mo dhunaidh.
On latha chailleadh am bàta
Air na bhàthadh an curaidh,
Gille Calum a b' òige,
Iain Mòr, mo sgeul duilich.
'S i do ghuala bha làidir,
Ged a shàraich a' mhuir i,
Rìgh! cha b' fhear de shliochd Adhaimh
Chuireadh làmh anns a' churaidh.
Nochd gur h-ìosal do chluasag
Fo lic fhuaraidh na tuinne,
'S ann an clachan gun tràghadh
Tha mo ghràdh-sa 'n a uirigh.
'S iomadh baintighearna bhrèid-ghil
Bhios gu deurach gad chumha,
Agus stìomach òg uasal
Nach bu dual bhi fo mhulad.

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa
Rugadh agus thogadh Carol Nic a' Bhreatannaich ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha taobh aig a cuideachd ri Giogha mus do ghluais iad gu ...
Fiosrachadh air Carol Nic a' Bhreatannaich / Learn more about Carol Nic a' Bhreatannaich
Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Rugadh Seumas Cailean MacRath Caimbeul (1897–1979) aig Beinn Dronnaig ann an Loch Aillse, far an robh athair na gheamair. Bha athair, Raibeart, à Gleann Canaich ...
Fiosrachadh air Seumas C. M. Caimbeul / Learn more about Seumas C. M. CaimbeulCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.