Òran air a sgrìobhadh le: Iain Mac Ille Bhrath (Am Pìobaire) agus air a sheinn le: Alasdair MacGillìosa.
This is a song written by: Iain Mac Ille Bhrath (Am Pìobaire) and sung by: Alasdair MacGillìosa.
'S tric mi tionndadh am leabaidh
'S gun mo dhùil ris a' chadal;
'S beag an t-iongnadh siud 's m' aigne cho cràiteach.
Fhuair mi sgeula sa mhadainn
Thromaich èislean fo m' aisnean
'S cha tuig lèigh no fear m' fhaicinn mar tha mi:
Gun do chiùrradh am faillean
Bh' air freumh dùthchais nam meangan;
Craobh a b' ùire measg darag a' ghàrraidh.
Mìle marbhphaisg air 'n t-saoghal
'S mairg a bheireadh ro ghaol da
'S nach eil ann de na daoine ach sgàile.
'S tric ar n-uaighean gan cladhach,
'S uainn ar n-uaislean gan taghadh:
'S grad a bhuaineadh oirnn rogha nan àghan.
Mhic 'Ic Dhùghaill on Ghainmhinn,
O bhun stùc beinn an t-sealgaich,
'S goirt a chunntadh an aimsir seo 'd chàirdean.
Gnùis a b' àillidh ra sireadh,
Sùil bu bhlàithe gun tiomadh,
'S deacair àireamh aon ghin a thug bàrr ort.
Àlach prionnsail a' chruadail
Sgàthan-sampaill na h-uaisle,
'S goirt ri chluinntinn gun sguabadh do làrach.
'S beag an t-iongnadh do dhìslean
Gur h-i 's aithghearr a chrìonas;
'S tric tha tobraichean fìor-uisg' a' tràghadh.
'S iomadh latha mòr meadhrach
Air bhàrr aighear is greadhnais
Thug na maithibh an teaghlach na Tràigh ud.
Mo chreach lèir Clann Mhic Dhùghaill
'S iad mar choill air a rùsgadh;
Cò nis sheasas an cùis an àm gabhaidh?
Bhon a dh'fhalbh an sgiath dhìdein
Bha na dìon aig na sinnsribh –
Iuchair ghlèidhte nach dìobradh nan càs iad.
Nam b'e iomairt no eucoir
Leis an deachaidh do chreuchdadh,
Air mo làimh nach biodh t-èirig gun phàigheadh.
'S lìonmhor curaidh deas dealbhach
Rachadh ullamh ga dhearbhadh;
Sheasadh duineil fo airm an àm tairgne.
'S ann diu fìor shliochd do thaighe
Rachadh sìos leat gun athadh
Dhèanadh gnìomh an àm crathadh na stàilinn.
Agus Morair sin Shlèite
Air bhàrr corra-ghleus mar a dh'fheumadh
Le laoich fhoirmeil nach gèilleadh 'n àm gabhaidh.
'S làidir gaisgich Chloinn Raghnaill
Mar bhàrr lasrach à t-adhbhar,
'S cha b'e b'fhasan dhaibh claonadh 's na blàraibh.
Oighre Chnòideart a' bharraich
Dam bu chòir a bhith fearail –
'S cian a sheòrs' am bun Gharaidh an tàmhachd.
Sin is foirmidh na choinneamh
Sliochd Iain Òig às na Gleannaibh,
Bhiodh gad chòmhdach le barantas làidir.

Rugadh Alasdair MacGillìosa ann an Glaschu air 8 Faoilleach, 1938. 'S ann às an Dìg ann a' Stafainn an Eilean Sgitheanaich a bha athair, Seonaidh ...
Fiosrachadh air Alasdair MacGillìosa / Learn more about Alasdair MacGillìosaCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.