Cumha an t-Seana Ghàidheal

Òran air a sgrìobhadh le: Niall MacLeòid agus air a sheinn le: Iain MacLeòid (Iain a' Bhodaich) agus Seumas Caimbeul.

This is a song written by: Niall MacLeòid and sung by: Iain MacLeòid (Iain a' Bhodaich) and Seumas Caimbeul.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha sgiathan na h-oidhche gan sgaoileadh a-nall,
'S an ceò air a lùbadh mu stùcan nam beann;
Tha deòir air mo shùilean 's gun m' aigne ach fann;
Air m' fhàgail nam aonar a' caoineadh sa ghleann.

Tha eunlaith nan geugan a' gleusadh an rann,
'S a' leumnaich le sòlas 's ri ceòl feadh nan crann;
Tha 'n àlach mun cuairt dhaibh gu h-uallach a' danns;
Ach àlach mo ghaoil-sa gach aon diubh air chall.

Tha mo chiabhagan tana 's tha claisean nam ghruaidh
Oir tha cèile mo ghràidh-sa na sìneadh san uaigh;
Agus triùir dhe mo phàistean bu bhlàthmhoire greann
Nan sìneadh fo leacan a'chlachain ud thall.

Ged tha eòin bheag a' Chèitein a' trèigsinn nan tom
Nuair a chòmhdaicheas reòtachd is dòrainn am fonn
Bheir samhradh mun cuairt iad gu bruaichibh nan allt
Ach càirdean mo ghaoil-sa cha taobh iad an gleann.

Tha na fàrdaichean blàtha bha 'g àrach nan sonn
Bu shuilbhire gàire 's bu bhàigheile com
Far am b' fhàbharach càirdeas don ànrachan lom
Nan làraichean fàsail air cnàmh gus am bonn.

Chan fhaicear am buachaill a' ruagail mun chrò,
No banarach ghuanach le buaraich na dòrn;
Bu bhinn leam a duanagan uallach gun ghò,
Le cuailein ma guaillean mar dhualan den òr.

Chan eil clàrsach no siùnnsair gar dùsgadh le ceòl;
'S tha mac-talla na shuain ann an uaimhean nam fròg;
'S na laoich a bha lùthmhor mu stùcan a' cheò,
Rinn fòirneart an sgiùrsadh bho dhùthaich an òig.

Ach sìth do na dh'fhalbh agus buaidh leis na seòid
Tha m' fheasgar-s' air ciaradh 's mo ghrian fo na neòil;
Chan fhad' gus an crìonar mo chiabhan fon fhòd
Far an caisgear gach pian 's an tèid crìoch air gach bron.

Seinneadairean / Performers

Iain MacLeòid (Iain a' Bhodaich)

Iain MacLeòid (Iain a' Bhodaich)

Rugadh Iain MacLeòid, Iain a' Bhodaich, ann an Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas air 1 Samhain, 1931. B' e Dòmhnall Murdo Thormoid 'an 'ic Dhòmhnaill athair ...

Fiosrachadh air Iain MacLeòid (Iain a' Bhodaich) / Learn more about Iain MacLeòid (Iain a' Bhodaich)
Seumas Caimbeul

Seumas Caimbeul

Rugadh Seumas Caimbeul a th' againn a' seinn an òrain, as a' Ghnìopa, san Eilean Sgitheanach ann a' 1945, an latha mu dheireadh den Dàrna ...

Fiosrachadh air Seumas Caimbeul / Learn more about Seumas Caimbeul

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.