Cliù Iain Gobha

Òran air a sgrìobhadh le: Niall Moireasdan (Bàrd Phabaigh) agus air a sheinn le: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim).

This is a song written by: Niall Moireasdan (Bàrd Phabaigh) and sung by: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Bhon is fear foghlaim mi air a' cheàird-sa
Luchd-britheimh Ghàidhlig na tugaibh beum
Air cainnt mhì-fhiughmhor neo-dhìreach lùbte
Nach gabh dhomh dlùthadh no cur na chèil:
Cha b' e cion dùrachd a thigeadh rium-sa
'N àm seinn a chliù-san mam biodh air èis
Ach inntinn nadmhorrach is easbhaidh gràis oirr'
Gun tèid i ceàrr ann an cluith nan teud.

'S mo bhilean gràineil neo-thimcheall gheàirrte
Gu faic sibh dana dhomh bhi ri cainnt
Air cliù na fianuis a dh'fhalbh on fhìon-lios
Bu chliùteach gnìomhach am measg nan crann;
Bha eagal diadhaidh às dèidh a lìonadh
Gum biodh a chrìonachd nar measg neo-ghann
Bu tric e 'g ùrnaigh dol ann an cùmhnant
Airson ar caomhnadh aig cathair gràis.

An ceistear cliùiteach bu mhòr luchd-ionndrainn
A tha mi 'g iomradh air na mo dhàn;
Bu lìonmhor sùil bha gu silteach srùlach
An àm do dhùnadh sa chiste chlàr;
Bu lòchran iùil thu da dhoill gun sùilean
Bhiodh gun tùr air a' ghnìomh a b' fheàrr
A' ruith gu dìreach fon t-slighe mhilltich
A dìon nam mìltean o dhìol a bhàis.

'S o thog thu 'n aidmheil bu lòchran laist' thu
Nach cuireadh fras às la doinionn gheur;
Cho fad 's a dh'fhan thu cha 'n fhacas smal ort
Ach daonnan laist' ann an ruith na rèis:
A' dol tron fhàsach gun eagal nàmhaid
Ach spionnadh gràis ga do chumail treun,
'S tu ruith gu buaidheach gun easbhaidh luathais ort
Gun d' fhuair thu 'n duais a th' aig pobull Dhè.

Bu dìleas dùrachdach dha do ghairm thu
Cha b' ionnan 's foirmealaich nan ceann àrd
Nach b' urrain cainnt ach gu mabach manntach
Le raige teanga 's an ceann cho làn:
'G iarradh cus stòrais dhan inntinn fheòlmhor
'S i cìocrach, neo-ghlan, 's an taic a ghnàth
Air stèidheadh aotrom bhios dhaibh na fhaoineis
Aig là na caochlaidh nuair thig am bàs.

Is ann ort a b' fhuathach luchd fèin na h-uaille
Bha 'g iarradh suas gun dhol dhan a' chrò
Am measg nan caorach len eàrradh sgaoilte
'S gu fainicht an gaoid air gach taobh dhen chleòc;
Bu tric thu dearbhadh orr' ga bu shearbh leo e
Gum biodh tearbadh ann là a' mhòid;
Cuid gu oighreachd sam bitheadh an t-aoibhneas
Cuid eil' dhan ghoinntir sam bitheadh am bròn.

Bha thu ainmeil 's gach ceàrn an Alba
Mar ghaisgeach calma le d' chlaimheamh geur
Air taobh na còrach a' sgrios luchd dò-bheairt
Bu tric thu còmhrag ri luchd mì-bheus:
Bhiodh feachd na h-euceairt a' crith fo d' èisneachd,
An cogais fhèin 's i gam bioradh cruaidh
Bhiodh fallas drùidhteach a' sileadh dlùth dhiot
Le spàirn toirt cunntais dhaibh air an Uan.

Bha tlachd is ciatachd le aoidh na diadhachd
A' dearrsadh sgiamhach na d' aghaidh chiùin
'S bhiodh peacaich gharbha bu ghairge seanachas,
Le ùmhlachd leanabail a' tighinn dhut dlùth;
Gur tu bha eudmhor airson an treuda,
Bhiodh faire gheur agad air an cùl,
Bu tric thu 'g èigheach an cluas luchd èisteachd
A' chungaidh fheumail a dhèanadh cùis.

B' e beatha d' àraich a h-uile Sàbaid
Bhi 'g innseadh chàch gun robh 'n t-slighe rèidh
Gu geat an àrois am faight' an t-slàinte
O n chraoibh tha fàs ann le meas nach trèig:
Fo dhuilleach àghmhor gum faighte sàmhchar
O dhoinionn cràiteach 's o àmhghair gheur,
O ruaig an nàmhaid bh' airson an tàrsainn
Le innleachd bàsmhor mar chreach dha fèin.

Don osna dhùsgadh on chridhe bhrùideil
Air bheagan cùraim bu bheag do spèis,
O chaidh ol-ungaidh chur air do shùilean
'S nach togta cliù leat air luchd mì-bheus:
On bha thu eòlach mun t-sionnach lùbach
A chuir a chùl riut fo d' armachd gheur
Bha 'n garaidh uaigneach ri d' linn san dùthaich,
'S on dh'fhalbh thu dhùisg e ri spùill da fèin.

Bha d' eagal diadhaidh toirt air na mìltean
Air feadh nan sgìre gun robh iad balbh,
Mar an pheùcag an gath na grèine
Le itean eugsamhail nan iomadh dealbh:
Oir bha thu ungte 's do fhradharc dùbailt
Ag gabhail dlùth bheachd air sligh' an ceum
'S ged thigeadh Iùdas le phòig a d' ionnsaidh
Gum b' shuarach thu air droch rùn a mhèinn.

Bu lìonmhor bacach bha deigh a bhacail
Le ainneart peacaidh do chùm gun trèigt',
A bha thu seòladh gu Loch Shilòaim
A chùm an còmhlachadh aig an Lèigh;
Leis an fhìrinn bu tric thu dearbhadh dhaibh
Mar grad fhalbh iad gun tèid iad eug,
Fo phlàigh na loibhre an là na feirge
'S nach beireadh tionchds' orr' a dhèanamh feum.

An àm dhut èirigh sa choinnimh urnaigh,
An sluagh a' dùmhlachadh ort mun cuairt,
Bu chridhe cruaidh agus inntinn bhrùideil
Nach dèanadh lùbadh le d' ghuth san uair:
Bu ghaisgeach treun thu gu innseadh sgeul dhaibh
Mu chliù na h-èifeachd bha 'm fuil an Uain
'S air damanadh sìorraidh nan gobhair fhiadhaich
Air sgeiribh giara dol sìos don chuan.

Thàinig dorchadas air a' cheàrn seo
Le mùchadh bàsmhor on rinn thu triall
Do thìr Emànueil am measg do bhràithrean
'S tu dèanamh gàirdeachas ann an Dia;
Chum ar teàrnadh o chumhachd nàmhaid
'S o phian na h-àmhainn tha loisgeach dian,
Bheir air na h-uamharraich gu loisgear suas iad
Mar an asbhuaine nur thig a' chrìoch.

Aig là do chrìochnachaidh fhuair thu t-iarrtas
Mar bu mhiann leat taobh thall a' bhàis,
Gach gealladh fhuair thu 'n taobh bhos dhan uaighe
Chaidh dhèanamh suas dhut gu daingeann slàn;
Gath a' bhais chaidh a dhèanamh ciùin dhut
'S an uaigh cha chùmar thu ann an sàs;
Gu n dèan thu dùsgadh le glaodh na trompaid
Ro 'n crith gach dùil a chaidh ann san làr.

Seinneadairean / Performers

Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim)

Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim)

Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Shomhairle Ruairidh Dhòmhnaill Eòghainn, neo Dòmhnall Shàim, mar as eòlaiche daoine air, ann am Mànais ann am Bàigh na Hearadh, air ...

Fiosrachadh air Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim) / Learn more about Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shàim)

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.