Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacLeòid (Murchadh a' Cheisteir) agus air a sheinn le: Cairistìona Stone.
This is a song written by: Murchadh MacLeòid (Murchadh a' Cheisteir) and sung by: Cairistìona Stone.
Tuil na feirg' tha cho searbh 's nach gabh inns',
'S nach ruig mìltean de linntean a tràigh:
Sin an cupan thug Dia dha ri òl,
Gus ar dìon o gach dòrainn gu bràth.
Seinnibh cliù do an Uan,
'S e thug ùmhlachd is buaidh ann ar n-àit';
'S e thug sìth dhuinn ri Dia,
Le e fèin dhol tre phiantan a' bhàis.
Ma bha banntrach 's i cianail ri bròn,
Lag mar eun air a leòn am measg chàich;
Chaidh a cìochran thoirt saor dhith on uaigh,
Leis an Tì seo thug buaidh air a' bhàs.
Ma bha bràithrean gam pianadh san dorch,
Air an fhairg' eadar stoirm agus ràmh;
Thainig Ìosa dhaibh dlùth chum an dìon,
'S chuir a bhriathran na siantan nan tàmh.
Ma bha lobhar air fhuadach o chàch,
'S e fo bhuaidh euslaint-bàis ann am pèin;
Ged robh lotan ri lobhadh a chnàmh,
Fhuair e leigheas fo làmhan Mhic Dhè.
Ma bha bacach ri sireadh na deirc',
Aig an teampall, air fèill, no air sràid;
Tre bhuaidh creideimh, am priobadh na sùl;,
Thug Ìosa dha lùths a chuid chnàmh.
Ma bha bean lag le euslaint' 's i 'bròn,
'S fuil a beatha ri dòrtadh gu làr,
'S ann le beantainn ri eudach Mhic Dhè,
Fhuair i saorsa o eucail a bàis.
'Nuair bha leanabain a' leanmhainn a cheum,
'S a bha foirmealaich eudmhor gun ghràs
Dol gan tearbadh air falbh o an treud,
Thog e fèin iad le spèis na uchd gràidh.
'S e mo ghuth ris gach duine fon ghrèin:
Teich gun dàil gu crann-ceusaidh mo Rìgh;
Nuair tha teàrnadh ann dhòmhsa nam fheum,
Cuim thèid eucorach tuilleadh a dhìth.
Aleluia don Athair gu bràth!
Aleluia do m' Shlànaighear gaoil!
Aleluia do Spiorad nan gràs!
Seo mo cheòl fhad 's thèid m' fhàgail san t-saogh'l.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha laoidhean agus òrain Mhurchaidh a' Cheisteir rim faighinn anns an leabhar Bàrdachd Mhurchaidh a' Cheisteir, air fhoillseachadh le The Darien Press Ltd, Dùn Èideann, 1962.

Rugadh Cairistìona Stone ann an Col Uarach, air a' Bhac, Leòdhas, air 6 Ògmhìos, 1961. B' e Murchadh Dòmhnallach, Murchadh Choinnich Tomaisean no "Moley" a ...
Fiosrachadh air Cairistìona Stone / Learn more about Cairistìona StoneCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.