Clach agus Màiri

Òran air a sgrìobhadh le: Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) agus air a sheinn le: Catriona Anna Nic A' Phì.

This is a song written by: Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) and sung by: Catriona Anna Nic A' Phì.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,
Dhen darach làidir shùbailte;
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre.

Siud far an robh 'n sgioba neònach
Ghabh an t-aiseag aig an t-Sròma,
A shealltainn air mnaoi-uasail chòir,
Bha còir aice thaobh dùthchais air.
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,

Bha Teàrlach Friseal Mac an Tòisich,
'S Màiri nighean Iain Bhàn nan òran,
Coinneach Beag is Eachann Òg,
'S an t-òigear 'Clach na Cùdainn' innte.
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,

Thuirt a' 'Chlach' rium fhìn cho stàirneil,
"Fuirich thusa muigh, a Mhàiri,
Gun tig Calum air do thàillibh -
Bheir thu àite triùir a-mach.
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,

"Ged tha m' athair-sa ri àbhachd,
Chan eil cùram air mu Mhàiri,
Bheir iad sinn gu caladh sàbhailt,
Thar nan tonnan dùbh-ghorm."
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,

Nuair a ràinig sinn an fhàrdach,
Cha robh Fearchar còir an làthair;
Dh'fhàg e dìleab aig a chàirdean
Bhios gu bràth na chliù aca.
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,

Seinneadairean / Performers

Catriona Anna Nic A' Phì

Catriona Anna Nic A' Phì

Rugadh Cathaidh Ann ann am Barraigh ann an 1959, a' fuireach dlùth do sheinneadairean mar Nan NicFhionghain, Màiri agus Chrissie Denny, agus Mairead "Orbish". Bha a seanmhair, ...

Fiosrachadh air Catriona Anna Nic A' Phì / Learn more about Catriona Anna Nic A' Phì

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.