Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) agus air a sheinn le: Na Lochies.
This is a song written by: Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) and sung by: Na Lochies.
Chunna mi uam a' bheinn
'S mi siubhal air astar speur,
'S an aois a mhallachadh rinn
Oir mhiannaich mi rithist bhith òg,
'Sa bheinn gun bhonaid gun bhròg -
Miann riamh nach do shealbhaich mac mnaoi;
Oirnn fear-trusaidh gach linn an tòir.
Shaoileam gu faicinn sa bheinn
Suinn a bhuineadh do linn nach beò,
Le luthag fon glùin 's orra sgoinn
A' dìreadh 's a' teàrnadh an t-slèibh;
'S gun cluinninn an fhead is an èigh
Ri coin toirt na spreidhe cruinn
'S na deamhaisean geur' dol gu feum.
O bheinn mo chridhe nad bhàrr
'S tric a bha; cha bhi tuilleadh mi chaoidh;
Dh'fhas mo shìnteag 's mo shearrag cho geàrr;
'S innis milis an cuimhn' an dè –
A-màireach, chan aithne dhomh e,
Mi mar sheillean deocadh mil às gach blàth
Measg na làithean a dh'fhàg mi am dhèidh.
Mo sheann chù beinne na shrann
Dh'fhàg mi sìnt' air an staran sa ghrèin
Chalg 'n uiridh air bealach lag fann,
Critheanach, mall a cheum,
Chois chlis a nis tha bho fheum;
A thrusadh an casadh nam beann
A chaoidh cha tèid mis' no e fhèin.
Chunnaic mi mo shiad sa bheinn
'S a' tàrradh uaith' geàrr nan càrn –
Air an staran a nis air a shlinn
Cùl gaoith' 's aghaidh grèin sa bhlàths;
Ann am broinn gach beatha tha bàs
Mar an dèidh an latha tha oidhch'
Agus madainn nam beò cho geàrr.
Chunnaic mi uam a' bheinn
An sealladh rinn tinn mo chridh'
Coin thìm a' trusadh mo linn –
Èisd, cluinn orra sìos an gleann
Chan fhad gum bi 'n trusadh aig ceann;
Sìos an iar chaidh a' ghrian anns na tuinn
Mean air mhean an dubh-oidhch' a' tighinn teann.
Chaochail Murchadh MacPhàrlain air an latha seo sa bhliadhna 1982.
Thàinig Na Lochies gu aire an t-sluaigh an toiseach ann an 1968 nuair a choisinn iad farpais nan còmhlain aig a' Mhòd Nàiseanta ann an ...
Fiosrachadh air Na Lochies / Learn more about Na LochiesCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.