Òran air a sgrìobhadh le: Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach agus air a sheinn le: Catriona Anna Nic A' Phì.
This is a song written by: Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach and sung by: Catriona Anna Nic A' Phì.
Chì mi 'n geamhradh as a' ghaoith
Chan eil an sneachd' fada bhuainn
Sgòthan dorch' 's na craobhan rùisgte
Tha an oidhche a-nochd fuar.
Shaoilinn fhèin gur ann an-dè
Bha teas an t-samhraidh gar leireadh
Fad an fheasgair air an dùin
'S tu laighe leisg ri mo thaobh.
Sèist / Chorus
'S iomadh oidhche a rinn sinn suirghe
'S iomadh oidhche a rinn sinn gàir'
'S iomadh oidhche a bhithinn a' smaointinn
Gum biodh tu còmhla rium gu bràth.
Chan fhan a' ghrian fad na bliadhn'
Cha sheas an uair mar a tha i
Dh'fhalbh thusa chun a' cheò
Is dh'fhàg thu mi le mo gheamhradh.

Rugadh Cathaidh Ann ann am Barraigh ann an 1959, a' fuireach dlùth do sheinneadairean mar Nan NicFhionghain, Màiri agus Chrissie Denny, agus Mairead "Orbish". Bha a seanmhair, ...
Fiosrachadh air Catriona Anna Nic A' Phì / Learn more about Catriona Anna Nic A' PhìCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.