Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas MacIllFhaolain (Aonghas Lachlainn) agus air a sheinn le: Aonghas Dòmhnallach.
This is a song written by: Aonghas MacIllFhaolain (Aonghas Lachlainn) and sung by: Aonghas Dòmhnallach.
Sèist / Chorus
Chì mi Cleatrabhal bhuam
Carra-crom an taobh tuath
Beinn Olghaidh 's an stuagh fo sròin.
An Taigh a' Gheàrraidh ma thàmh
Am fàile fìorghlan an t-sàil
'S a nuallan, le gàir, 's gach cròic.
Chì mi Cleatrabhal bhuam etc.
Taigh a' Gheàrraidh nan cluan
'S nan cnocan glas-uain'
Nan loch bhileagach ruadh, 's nan lòn.
Chì mi Cleatrabhal bhuam etc.
'S fada sealladh mo shùil –
Monadh Hearach an fhraoich
Gu Barraigh bheag mhaol nam bò.
Chì mi Cleatrabhal bhuam etc.
Na h-aonar san iar
Hiorta bhiorach nan eun
'S Haisgeir eagach far an caidil na ròin.
Chì mi Cleatrabhal bhuam etc.
Eilean Heisgeir e fhèin
A dh'àraich maraichean treun
Bu ghaisgeil an dèidh na seòid.
Chì mi Cleatrabhal bhuam etc.
Àird an Rùnair nan tonn
A dheasaich bàrdachd an com
MhicCodrum 's gum b'fhonnmhor a cheòl.
Chì mi Cleatrabhal bhuam etc.
Bailtean Phaibil nan raoin
Far 'm bu torrach an grunnd
San do chinn cho sùghmhor an t-eòrn'.
Chì mi Cleatrabhal bhuam etc.
Gu deas seallaidh mi sios
Tha beinn mhòr leathann, liath
Le rolagan snìomhach de cheò.
Chì mi Cleatrabhal bhuam etc.
Tha beanntan ìosal is glinn
Eadar mis' agus Lì
Agus dubh-lochan mhìle meòir.
Chì mi Cleatrabhal bhuam etc.
Fearann Sholais an àigh
Cha do dh'ainmich mo dhàn
Na Baile MhicPhail ghorm an fheòir.
Thug mi Cleatrabhal bhuam etc.
Mi nam shuidh air a' chàrn
Eadar monadh is tràigh
Chì mi machair is àill fo na neòil.
Chì mi Cleatrabhal bhuam etc.
'S iomadh fear agus tè
Thall an dùthchannan cèin
'S bidh an cuimhne, le spèis, don òig.
A chunnaic Cleatrabhal uath' etc.
Nach bu chiatach bhith 'n-dràst'
Ann an duthaich an gràidh
Nan suidh air a' charra na chòir
A' faicinn Cleatrabhal uath' etc.
Tha Cnoc Cholasaigh balbh
Far an caidil na dh'fhalbh
Nach fairich fallas air garbh-chlach nas mò
A chunnaic Cleatrabhal uath'
Carra-crom an taobh tuath
Beinn Olghaidh 's an stuagh fo sròin.
Rugadh Aonghas Dòmhnallach, Aonghas a' Phost Oifis, ann an Taigh a' Gheàrraidh air 20 Dùbhlachd, 1940. B'e Dòmhnall Iain Dhòmhnaill athair agus Raghnaid a' Ghlìob ...
Fiosrachadh air Aonghas Dòmhnallach / Learn more about Aonghas DòmhnallachCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.