Òran air a sgrìobhadh le: Fearchar MacRath agus air a sheinn le: aonghas macLeòid agus Fionnlagh MacNèill.
This is a song written by: Fearchar MacRath and sung by: aonghas macLeòid and Fionnlagh MacNèill.
Chan e dìreadh na bruthaich
Dh'fhàg mo shiubhal gun treòir,
No teas ri latha grèine
Nuair a dh' èireadh i oirnn.
No teas ri latha grèine
Nuair a dh' èireadh i oirnn,
Laigh an sneachd seo air m' fheusaig
Is cha lèir dhomh mo bhròg.
Laigh an sneachd seo air m' fheusaig
Is cha lèir dhomh mo bhròg.
'S gann is lèir dhomh nì 's fhaisge
Ceann a' bhata tha 'm dhòrn.
'S e mo thubhailte m' osan
'S e mo chopan mo bhròg.
'S e mo thaigh mòr na creagan
'S e mo dhaingeann gach fròg.
Ged a cheannaichinn am buideal
Chan fhaigh mi cuideachd nì òl.
'S ged a cheannaichinn seipean
Chan fhaigh mi creideas a' stòip.
'S ged a dh' fhàdainn an teine
Chì fear foille dheth ceò.
'S i do nighean-sa, Dhonnchaidh,
Chuir an iomagain seo oirnn.
Tè gam beil an cùl dualach
O gualainn gu bròig.
Tè gam beil an cùl bachlach
'S a dhreach mar an t-òr.
Dheòin Dhia cha bhi gillean
Riut a' mire 's mi beò.
'S mòr gum b'fheàrr dhut mi agad
Na aon mhac breabadair beò.
Ged nach dèanainn dhut fighe,
Bhiodh iasg is sitheann mud bhòrd.
'S truagh nach robh mi 's tu, ghaolach,
Anns an aonach 'm bi 'n ceò.
Ann am buthaig bhig bharraich,
'S gun bhith mar rium ach d' fheòil.
Agus pàistean beag leanabh
A cheileadh ar glòir.
'S mì gu snàmhadh an caolas
Airson faoilteachd do bheòil.
Nuair a thigeadh am Foghar
B' e mo roghainn bhith falbh
Leis a' ghunna nach diùltadh
'S leis an fhùdar dhubh-ghorm.
Nuair a gheibhinn cead frìth'
Bhon an rìgh 's on Iarl' Òg.
Gum biodh fuil an damh chabraich
Ruith le altaibh mo dhòrn.
Agus fuil a' bhuic bhioraich
Sìor shileadh feadh feòir.
Ach 's i do nighean-sa, Dhonnchaidh,
Chuir an iomagain seo oirnn.

'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bàtaichean a bha a' ...
Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèillCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.