Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Evelyn Chaimbeul.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Evelyn Chaimbeul.
Cha tèid mi Choir Odhar
Tha 'n latha 'n-diugh fuar,
Cha tèid mi Choir Odhar
Tha 'n latha 'n-diugh fuar;
Cha tèid mi Choir Odhar
Tha 'n latha 'n-diugh fuar,
'S air eagal nan gillean
Bhi 'n iomall nam bruach.
O, falbhaidh mi 's fàgaidh mi
Fàsach nan aighean,
O, falbhaidh mi 's fàgaidh mi
Fàsach nan aighean;
O, falbhaidh mi 's fàgaidh mi
Fàsach nan aighean,
Agus bheir mi 'n ràith geamhraidh
'S a' ghleann 's am bith 'n cea'ch.
Gu dè a nì mise
Ma dheoghail na laoigh?
Gu dè a nì mise
Ma dheoghail na laoigh?
Gu dè a nì mise
Ma dheoghail na laoigh?
Mar a tèid mi am falach
Fo bharrach nan craobh.
Sgeulachd an Òrain
Tha an t-òran seo ri lorg anns a' chruinneachadh òrain a rinn Alasdair MacDhòmhnaill a rugadh an Gleann Moireasdan air 4 Sultain, 1860. Bha e do shliochd Alasdair Bhuidhe, aon de sheachd fhir Ghlinn Moireasdan a rinn cobhair air Prionnsa Teàrlach nuair a bha e fon choill an dèidh Blàr Chùil Lodair.
Bha e ag obair na neach cunntais ach bhuineadh e do dhaoine aig an robh mòran de sheann bheul-aithris. Rud sam bith a chuala e fiù aon uair, tha a h-uile coltas gun cumadh e air chuimhne e. Dh'fhoillsich e cuid de na sgeulachdan agus na h-òrain a chuala e anns an leabhar Story and Song from Loch Ness Side (Inbhir Nis, 1914).
Ann am prògram a rinn e don BhBC mu chruinneachadh an Dòmhnallaich, thuirt an sgoilear an t-Urramach Uilleam MacMhathain:
"Ged tha mòran òrain an clò ann a' leabhraichean, feumar cuimhneachadh gur ann air an dealbh dhan bheul a sheinneas agus dhan chluais a dh'èisteas a tha mòran dhiù, agus a chionns gu bheil an dà thaobh sin orra nach bu choir an sgaradh o chèile, na briathran agus an ceòl.
Ach mu choinneamh na ficheadan a sgrìobhadh na briathran cha robh iad ach tearc a dhèanadh an aon rud dhan cheòl, agus tearc buileach a dhèanadh gu math e. Tha na mìltean sreath de bhàrdachd againn an clò ann a' leabhraichean ach gun lorg idir air a' cheòl a bha dol nan cois.
Ged nach eil aon phung ciùil as an leabhar bha ealain aig an Dòmhnallach air ceòl a sgrìobhadh agus tha mòran de sheann òrain Ghàidhlig maille lem fuinn am measg nam pàipearan a dh'fhàg e."
'S ann às na pàipearan sin a thàinig fonn an òrain seo. Chaidh leabhar eile le Alasdair Dòmhnallach air a bheil an tiotal Coinneach 'us Coille fhoillseachadh an 1895.
Chaochail e ann an 1928.

Rugadh Evelyn Chaimbeul (Jeffrey) ann an Glaschu air 13 Ògmhìos, 1922. Bha a h-athair, Dòmhnall Caimbeul à Cros ann an Nis, na dhotair ann an ...
Fiosrachadh air Evelyn Chaimbeul / Learn more about Evelyn ChaimbeulCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.