Ceud Fàilt' Air Gach Gleann

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Ailean Dòmhnallach agus air a sheinn le: Iain Moireasdan agus Tormod MacIllEathain.

This is a song written by: Dòmhnall Ailean Dòmhnallach and sung by: Iain Moireasdan and Tormod MacIllEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ceud fàilt' air gach gleann
'S air na beanntannan mòr' -
'S iad a chuimhnich dhomh 'n t-àm
Ghabh mi sannt air bhith beò;
Nuair a bha mi ri fonn
Còmh' ri cloinn 's sinn ri spòrs
Mu bhruaichean nan allt,
'S iad nan deann bho gach lòn.

Nuair a dh'èireadh a' ghrian
Bha i riaghladh gach stòr,
A' toirt fàs air an t-sìol,
'S dh'fhàg siud fiachan aic' oirnn;
Is gach creutair bhiodh fann
Feadh nam beann airson lòin,
Anns an òg-mhadainn shamhraidh
'S an driùchd feadh an fheòir.

B' e mo mhiann a bhith 'n uair sin
A' fuadach na sprèidh
Gu na lèantaichean luachrach
Airson buannachd dhaibh fhèin;
Mi ri biathadh an àil
Nach robh 'n làrach an treud
Leis an fhìor bhainne bhlàth
Gus am fàsadh iad treun.

'S iomadh creag agus càrn
'S iomadh gàrradh is bruaich
Aig an do shìn mi rin sgàth
A h-uile là bhithinn fuar.
'S ged bu lìonmhor mo chàirdean
Bha pàirt dhiubh gun truas
'S an tè shaothraich rim thàladh
A' cnàmh anns an uaigh

B' òg a chreach am bàs mi
Aig aois a dhà no trì;
Cha b' urrainn dhomh bhith dàna
'N lùib mo chàirdean airson sìth;
Nuair thugadh bhuam mo mhàthair,
An uair sin dh'fhàgadh mi
Mar neach air thuar a bhith bàite
Nach b' urrainn snàmh gu tìr.

Nuair a bhuannaich mi aois
Bha mi saor bho gach bròn;
Na companaich a thaobhainn –
Gach aon bhiodh le sgòd.
B' e an dùil bhith na b'fheàrr
Nuair a dh'fhàsadh iad mòr –
Cha bu lèir dhuinn an tàire
Bha aig càch gar toirt beò.

Ghabh mi comhairle gach aon
'S dh'fhàg siud faoin mi nam dhòigh;
Bha mi gluasad mar dh'fhaodainn
Feadh saoghal nam beò;
Chuir mi ùidh anns gach sìon
A bhiodh a' riarachadh m' fheòil
'S cha robh càs a bh' ann riamh
Nach robh an triall air mo thòir

'S cluinnidh mise daonnan
Aig daoine nach eil òg
Gur lèir dhaibh mar tha 'n saoghal
A' caochladh cho mòr;
'S gur e fìor dhuine dall
Bhiodh a' samhlachadh stòir
Ri beatha chlann nan daoine
Nach fhaod fuireach beò.

Ach seo cuimhneachan dom chàirdean
An là bheir mi suas,
'S don mhuinntir nì mi fhàgail
Anns an fhàsaich air chuairt.
Bidh bàrdachd Chlann Dòmhnaill
Na cheòl aig an t-sluagh
Là nach cluinn sibh mo chòmhradh
Is mo chòmhnaidh san uaigh.

Seinneadairean / Performers

Iain Moireasdan

Iain Moireasdan

'S ann à Cill Pheadar an Uibhist a Deas a bha na daoine aig Iain Moireasdan, Iain Mhic Iain Bhàin. Bha Iain agus a bhean ...

Fiosrachadh air Iain Moireasdan / Learn more about Iain Moireasdan
Tormod MacIllEathain

Tormod MacIllEathain

Rugadh Tormod MacIllEathain ann an Glaschu ann an 1936. 'S e docair a bha na athair Niall Mòr, mac Eòghainn Ruaidh, a bhuineadh do Thiriodh. ...

Fiosrachadh air Tormod MacIllEathain / Learn more about Tormod MacIllEathain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.