Cath Gairidheach

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacCalum agus air a sheinn le: alasdair c. macGillìosa, Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu agus Còisir Innse Gall Ghlaschu.

This is a song written by: Iain MacCalum and sung by: alasdair c. macGillìosa, Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu and Còisir Innse Gall Ghlaschu.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Gur bòidheach nan èideadh Clann Dòmhnaill nan Eileanan
'N àrfhaich nan treun-fhear no tilleadh on chòmhstri;
'S aotrom an ceum 's iad an aonachd gun eiseamail
'N dèidh a bhith leidireadh Clanna nan Gall.

B' e Morair Bhràigh Mhàirr bha gu mòralach, ceannasach
'S lìonmhorachd Ghoill ri a thaobh anns a' chòmhraig;
Barantas sgrìobht' aig bhon rìgh chum ar teannachadh,
'S dh'fheuch dhuinn aig Gairidheach ealain nan lann.

Sèist / Chorus

Togaibh i, bratach gun ghealtachd gun tiomachadh,
Bratach a chleachd tùs an fheachd 's a' bhuaidh-làraich,
Bratach tha cuannmhor le suaicheantas cinneadail,
Bradan is leòmhann, an long 's an làmh-dhearg.

Na Dubh-Ghoill bha stràiceil len dùdaichean caithreamach
Dhùisg iad Mac Talla le faram an luath-ghàir';
Shaoil leo le stàirn an uchd-aodaichean lainnireach
Fuath 's chuir air gaisgich nach gealtach san t-strì.

Ach sheas sinn an làrach "a dh'aindeoin cò theireadh e"
Chuir orra tàmailt le cleasachd nan cruaidh-lann
Thug sinn droch caramh dan eachraidh, ge b' eireachdail
'S dhearbh a bhith seasmhach "air muir is air tìr".

Ge lìonmhor an sreathan gun dith air an reangairean
Saighdean an taifeid is lannan gun chearb' ac'
Ceannardan sgeilear chaidh theagasg len seanairean
'S uidheam gun mhearachd cur dreach air gach aon.

Nuair chuala sinn nuallan na pìoba air thoiseach oirnn
Bàrdachd gar brosnachadh 's cruit a' toirt cliù dhuinn
Thog sinn àrd-iolach chuir frionas air coileannaich
'S dh'fhàg sinn an closaichean ciùirrte san fhraoch.

Nuair ghleusar a' phìob ann an èisteachd nan curaidhean
'S treubhach 's na buillean bhios gillean an fhèilidh;
Feuch ri àm sìth iad gu sìobhalta furanach
Sùgradh an cuideachd nan cruinneagan donn.

Gur tric bho an linn sin air nàimhdean nan Sasannach,
Bhuadhaich na Gàidheil sa chruaidh-chàs nach gèilleadh,
'S fhuair iad 's gach àite le truacantachd 's carthanntachd
Cliù a bhios maireann, is beannachd na cheann.

Cuspair an Òrain - Cath Gairidheach

Chuireadh Cath Gairidheach air 24 Iuchar, 1411.

Aig an àm bha Rìgh Seumas I, na phrìosanach ann a' Sasainn, agus bha Diùc na h-Albann, bràthair athar an rìgh, a' riaghladh na dùthcha.

Aig tuath, bha cumhachd mhòr aig Iarla Rois agus bha fearann aige chan ann a-mhàin ann an Ros ach air taobh thall Abhainn Spè agus anns a' Mhaorainn. Phòs e nighean Diùc na h-Albann, agus bha aon nighean aca. Beagan bhliadhnaichean an dèidh dha h-athair bàsachadh ann an 1402, leig i às a còir air an oighreachd agus chaidh i gu bhith na bean-chràbhaidh.

An dèidh seo, dh'agair mac do Dhiùc na h-Albann, Eòin Stiùbhart, còir air an tiotal agus air an oighreachd, le taic bhon Diùc. Cha robh aig Iarla Rois ach aon phiuthar, a bha pòsta aig MacDhòmhnaill nan Eilean, Dòmhnall mac Eòin Ìle. Dh'agair esan a chòir fhèin air Iarlachd Rois, an ainm a mhnatha ach ged a bha a' chòir aige, dhiùlt an Diùc e, agus thòisich am buaireadh.

Thug feachd an Dòmhnallaich le feachd nan Eilean ionnsaigh air Ros. Chaidh iad an uair sin gu Inbhir Nis, agus à sin thairis air Abhainn Spè a' dèanamh taobh Obar Dheathain, agus na sgìrean sin a bha nam pàirt de oighreachd Rois.

Chruinnich Diùc na h-Albann feachd bhon dùthaich mu thimcheall Obar Dheathain agus às a' Mhaorainn agus Farfar, le Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàirr, agus Eòin Stiùbhart, a mhac fhèin, air an ceann.

Choinnich an dà arm anns a' Ghairbheach, faisg air Inbhir Uraidh, mu ochd mìle deug à Obar Dheathain, agus chuireadh cath marbhtach.

A rèir an eachdraidh, chaidh an cath leis an Dòmhnallach, ach às a dhèidh thill e dhachaidh an àite dhol a dhèanamh cinnteach as an fhearann.

Cha d' fhuair e còir air Iarlachd Rois bhon rìgh ri mhaireann, ach fhuair a mhac, Alasdair, còir oirre, a' chiad duine aig an robh an tiotal Iarla Rois agus Morair nan Eilean.

Seinneadairean / Performers

Còisir Innse Gall Ghlaschu

Còisir Innse Gall Ghlaschu

Chaidh an còisir a' stèidheachadh ann an 1968 le Raibeart MacCaluim agus buidheann de sheinneadairean òga aig an robh ùidh mhòr ann an seinn chòisirean. ...

Fiosrachadh air Còisir Innse Gall Ghlaschu / Learn more about Còisir Innse Gall Ghlaschu

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.