Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh MacIain agus air a sheinn le: donnchadh macDhòmhnaill.
This is a song written by: Donnchadh MacIain and sung by: donnchadh macDhòmhnaill.
Togaibh an t-Arannach 's fàgamaid Ìle,
Togaibh on talamh e, Aonghas, mo ghràdh-sa,
Togaibh an t-Arannach 's leigibh a sìos e,
Arainn 's an t-sealladh dhuinn, togaibh an càrn!
Togaibh an carragh, gach caraid is dìleas,
Togaibh an carragh air mullach Bheinn Bhàin,
Togaibh an carragh air talamh nan Ìleach,
Arainn 's an t-sealladh dhuinn, togaibh an càrn.
Coma leibh caisealan astair a' ghiùlain,
Coma leibh allaban mhonadh is chòir.
Togaibh gu h-ealamh on talamh an diùlach
'S dhachaigh do dh'Arainn thoiribh an sàr.
Dhachaigh do dh'Arainn, o dèanaibh a ghiùlan,
Esan bha airidh air cliù anns a' bhlàr;
Ruigibh an cala is greasaibh an iùbhrach,
'S rachadh i thairis le Aonghas, mo ghràdh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.