Cànan nan Gàidheal

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) agus air a sheinn le: na h-Òganaich, Catrìona Anna Nic A' Phì, Mairead agus Donaidh MacLeòid agus na h-Òganaich.

This is a song written by: Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) and sung by: na h-Òganaich, Catrìona Anna Nic A' Phì, Mairead agus Donaidh MacLeòid and na h-Òganaich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Thig thugainn, thig cò' rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann Cànan na Fèinn'.
Thig thugainn, thig cò' rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann Cànan nan Gaidheal.

Cha b' e sneachda 's an reothadh bho thuath,
Cha b' e 'n crannadh geur fuar bhon ear,
Cha b' e 'n t-uisge 's an gailleann on iar,
Ach an galair a' bhlian' on deas
Blàth, duilleach, stoc agus freumh,
Cànan mo thrèibh 's mo shluaigh.

Fair a-nuas dhuinn na coinnlearan òir
'S annt càiribh na coinnlean geal cèir,
Lasaibh suas iad an seòmar a' bhròin
'N taigh-fhaire seann chànan a' Ghaidheil
'S e siud o chionn fhad' thuirt a nàmh
Ach fhathast tha beò cànan nan treun

Ged theich i le beath' às na glinn,
Ged 's gann i 'n-diugh chluinntear nas mò
O Dhùthaich MhicAoidh fada tuath
Gu ruig thu Druim Uachdar nam bò;
Ach thugainn, thig cò' rium gu siar
'S i fhathast ann ciad-chainnt an t-slòigh.

'S iomadh gille thug greis air a' chuibhl'
San dubh-oidhch' 's thog duan Gàidhlig a chridh'
Agus gaisgeach a bhrosnaich sa bhlàr
Gu euchd nuair bu teotha bha 'n strì
O Ghaidheil O, càite 'n deach d' uaill
A dualchas, cànan is tìr?

Tha na suinn lem bu bhinne bha d' fhuaim
Nad ghlinn, thìr nam fuar-bheannaibh àrd,
Air an druim anns na h-uaighean nan suain
Suas air èirigh, mo thruaigh' tha nan àit',
Eadhon siar ann an Dùthaich MhicLeòid
Linn òg air a' Ghàidhlig rinn tàir.

Ged nach cluinntear nas mò mi san Dùn
No 'n talla nan cliar 's nan còrn,
Ged tha meòir Chlann 'ic Cruimein gun lùths
On tric feasgair chiùin dhòirteadh ceòl,
Gidheadh, anns na h-Eileanan Siar
Balla-dìon gheibh thu, Ghàidhlig, 's do chòir.

Uair chite fear-fèilidh sa ghleann
Bu chinnteach gur Gàidhlig a chainnt,
Ach chaochlaidh i dùthaich nam beann,
Air an ainm ud is ceàrr i 'n-diugh sloinnt,
Chan e 'n dùthaich a bh' ann a th' ann,
'N-diugh 's dùthaich nan "Coloneis" a th' innt',

O, chànain ta leth ri mo chridh',
M' aran, m' annlan is m' anail 's mo smior,
'S tu cho aost ri fraoch dosrach nam frìth,
Shloinneadh òg leat beinn, leitir is sgurr,
Albainn gad easbhaidh 's gad dhith
'S clàrsach-aon-teud is cuislean gun fhuil.

Suas togamaid Gaidhealtachd nuadh
Le eanchainn, braon-gruaidh agus dòirn,
Gaidhealtachd às 'n dèanar uaill,
Ait' àrd uasal aig cànan is ceòl,
'S biadh-beatha aig spiorad 's aig brù
Ri fhaotainn gun dhìth air do bhòrd.

Seinneadairean / Performers

Catrìona Anna Nic A' Phì

Catrìona Anna Nic A' Phì

Rugadh Catrìona Anna, no Cathaidh Ann mar as fheàrr a dh'aithnichear i, ann am Barraigh ann an 1959, a' fuireach dlùth do sheinneadairean mar Nan ...

Fiosrachadh air Catrìona Anna Nic A' Phì / Learn more about Catrìona Anna Nic A' Phì

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.