Òran air a sgrìobhadh le: Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) agus air a sheinn le: Alasdair Grannd, Carol Nic a' Bhreatannaich, Eàirdsidh Mac an t-Sagairt, Fionnlagh MacNèill agus iain r. dùbhghlas.
This is a song written by: Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) and sung by: Alasdair Grannd, Carol Nic a' Bhreatannaich, Eàirdsidh Mac an t-Sagairt, Fionnlagh MacNèill and iain r. dùbhghlas.
Chuir iad an Caisteal a' Ghlinne mi
'S an t-seòmar ìosal cho fuar;
Chàraich iad mis' ann am prìosan
'S an fhìrinn agam ga luaidh;
Creideas chan fhaighinn no èisteachd
Don sgeul a dh'fhàg mi fo ghruaim;
'S ged nì iad mise a cheusadh,
Chan èirich thus' às an uaigh.
Cadal cha tig air mo shùilean,
'S gur tùrsach m' aigne gach là
Cuimhneachadh maise mo rùin-sa
'S a gnùis bha coibhneil a ghnàth;
Cridhe bha blàth agus mùirneach
Seinn ciùil mar uiseag sna neòil,
'S truagh nach robh sinne le chèile
'S mi 'g èisteachd brìodal a beòil.
Thusa cha tig ann am ionnsaigh
'S cha dùisg thu à cadal a' bhàis;
Ach tachraidh mise rim ùidh-sa
An dùthaich bheannaicht' an àigh,
Mo leannan bheir maitheanas dhomh-sa
Ged leòn mi ise gu bàs,
Crìoch cha tig air ar sòlas,
Is bròn cha chluinnear gu bràth.
Rugadh Alasdair Grannd ann an Glaschu air 2 Dùbhlachd 1935 agus chaidh a thogail ann an Cille Mhoire anns an Eilean Sgitheanach gus an robh ...
Fiosrachadh air Alasdair Grannd / Learn more about Alasdair Grannd
Rugadh agus thogadh Carol Nic a' Bhreatannaich ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha taobh aig a cuideachd ri Giogha mus do ghluais iad gu ...
Fiosrachadh air Carol Nic a' Bhreatannaich / Learn more about Carol Nic a' Bhreatannaich
Rugadh Eàirdsidh Mac an t-Sagairt ann an Glaschu air 24 Ògmhios, 1931. Bha a phàrantan le chèile à Ìle, athair, Eàirdsidh, à Bogha Mòr agus ...
Fiosrachadh air Eàirdsidh Mac an t-Sagairt / Learn more about Eàirdsidh Mac an t-Sagairt
'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bàtaichean a bha a' ...
Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèillCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.