Caismeachd na h-Àirde

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Trom mo cheum 's mi air m' aineol
Anns an tìr seo dol thairis
Dhèanainn faoilte ri beannan na h-Àirde.

'N am bhith dìreadh Strath Fhairig
'S mòr b' annsa Srath Farrar
Far nach cunntadh iad bainne nam bà rinn.

Gheibhinn iasg agus sitheann
Ìm, càis agus gruitheam
'S bhiodh mo chàirdean gam ghuidheadh gu fhàrdaich.

A Righ, gum b' mhùirneach mo leabaidh
Ann am biadh 's ann an caidreabh
Eadar Srùigh Mhòr nam bradan is Àigeis.

Eadar Dunaidh na coille
Agus Bruaich an eilich
'S air mo làmh-sa nach ceileadh iad gràdh orm.

Mo chion ort, Iain, bha suairce
Chaoidh cha tabhair mi fuath dhut
Aig fheobhas a fhuair mi thar chàch thu.

Beir an t-soraidh null thairis
A dh'ionns' na dùthcha tà thall ud
Far an d' fhuair mi rè tamaill de m' àrach.

Gu muinntir mo chridhe
Far nach cluinntear am bruidhinn
Nuair a dhèanadh iad suidhe san taigh thàrluim.

'S e bu bheus dhaibh mar chleachdadh
Ag òl fìon dearg ann am pailteas
Greis air pìoban tombaca 's air mànran.

'S iad gun bhruaidlean, gun trioblaid,
Gun luaidh air a' bhiodag
Ach a pàigheadh na thigeadh mar bhràithrean.

Ach nam b' àill le Mac Shimidh
Thighinn a thàmh mar ri chinneadh
Air mo làmh-sa nach pillear an-dràst' e.

Thighinn gu fhonn is gu fhearann
Is gu oighreachd a sheanair
Mi-loinn air an fhear leis nach b' àill e.

Fhir thug Israel thairis
A chruthaich grian agus gealach
Cur an dùthaich le ceannas na h-Àirde.

Chan eil fhios le cinnt cò ùghdair an òrain seo, a tha a' buntainn ri ceann shuas Gleann na Manachainn, Srath Farrar, Strùigh, Àigeis, Dunaidh agus a' Bhruaich.

Ann an Leabhar nan Gleann, cruinneachadh de dh'òrain a dh'fhoillsicheadh aig fìor dheireadh na naoidheamh linn deug, bha am fear-deasachaidh, Seòras MacEanraig, den bheachd gur dòcha gun d' rinneadh e le Dòmhnall Gobha Siosal à Srath Ghlais anns an dàrna leth den ochdamh linn deug.

Tha na rannan mu dheireadh a' toirt iomradh air an t-Seanalair Sìm Friseal an naoidheamh deug Morair Mac Shimidh, a chaochail aig Sràid Downing air an ochdamh latha den Ghearran, 1782, aig aois 56.

Seinneadairean / Performers

Calum Ailig Mac a' Mhaoilein

Calum Ailig Mac a' Mhaoilein

Chaidh Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a thogail ann am baile Shiadair anns a' Rubha ann an Leòdhas. Bho aois gu math òg bha ceòl ...

Fiosrachadh air Calum Ailig Mac a' Mhaoilein / Learn more about Calum Ailig Mac a' Mhaoilein

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.