Caismeachd Chlann Camshron

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Calum Ceanadach.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Calum Ceanadach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Chan eil òganach treun de Chloinn Chamshroin gu lèir
Nach tèid deònach fo Bhratach Loch Iall
Gu buaidh no gu bàs 's bidh iad dìleas 's gach càs,
Oir gèill cha tug Camshronach riamh.

Sèist: Nach cluinn sibh fuaim na pìoba tighinn,
Gu h-àrd thar monadh is ghleann;
Agus cas cheuman aotrom a' saltairt an fhraoich!
'S i caismeachd Chloinn Chamshroin a th' ann!
'S i th' ann, 's i th' ann,
'S i caismeachd Chloinn Chamshroin a th' ann!

O 's uallach an ceum, ged tha fios aig gach treun
Gum faod e bhith màireach san ùir;
Ach gach àrmann, gun sgàth, thèid le Cheannard don bhlàr,
Far 'm bu dualach dhaibh buaidh agus cliù.

Tha ghealach ag èirigh, 's tha gathan air ceuman
Nan òigear tha treun agus fìor;
'S àrd dòchas an clèibh, 's thuirt an Ceannard e fhèin
Gur laoich iad nach gèill anns an t-strì.

Seinneadairean / Performers

Calum Ceanadach

Calum Ceanadach

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...

Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum Ceanadach

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.