Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Kathleen NicDhòmhnaill, patricia bochanan agus Tormod MacIllEathain.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Kathleen NicDhòmhnaill, patricia bochanan and Tormod MacIllEathain.
Soraidh bhuam thar chuan is beannaibh
Chun an àit' is àille sealladh
Far 'n do dh'ionnsaich mi nam phàiste
Cainnt mo mhàthair Gàidhlig Bharraigh.
Gura tric a bhios mi smaointinn
Nuair a bha mi òg 's mi faoin
Buain nan ròsan mach san aonach
Ris na caoraich taobh na gleannan.
'N tìm an earraich bidh gach iasgair
Mach le bàtaichean san iar ann
Siud an sealladh leam bu bhrèagha
'N àm nan lìon a bhith gan tarraing.
'N tìm a' gheamhraidh, leam bu shunndach
Bhith measg nan òigearan bannda
Bhiodh òl ann 's ceòl is dannsa
'S dram cha bhiodh oirnn gann mu Nollaig.
Ach nam bithinn pailt de stòras
Rud nach bi cho fad 's is beò mi
Siud an tìr san dèanainn còmhnaidh
Far an d' fhuair mi òg am bainne.

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Rugadh Tormod MacIllEathain ann an Glaschu ann an 1936. 'S e docair a bha na athair Niall Mòr, mac Eòghainn Ruaidh, a bhuineadh do Thiriodh. ...
Fiosrachadh air Tormod MacIllEathain / Learn more about Tormod MacIllEathainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.