Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu agus còisir (Inbhich).
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu and còisir (Inbhich).
Sèist / Chorus
Cailleach liath Rathasaigh
Na ceudan a tathaich oirr',
Cailleach liath Rathasaigh
Is cailleach reamhar Rònaigh.
Cailleach liath Rathasaigh
Na ceudan a tathaich oirr',
Cailleach liath Rathasaigh
Is cailleach reamhar Rònaigh.
Cailleach dhubh nan cudaigean
'S ioma gin a shluig thu dhiu,
Cailleach dhubh nan cudaigean
Is cailleach luideach Rònaigh.
Cailleach dhubh nan cudaigean
'S ioma gin a shluig thu dhiù,
Cailleach dhubh nan cudaigean
Is cailleach luideach Rònaigh.
Cailleach liath Shligeachain
A bhèist tha mo phriobaid oirr',
Cailleach liath Shligeachain
'S cailleach chliobach mhòr i.
Cailleach liath Shligeachain
A bhèist tha mo phriobaid oirr',
Cailleach liath Shligeachain
'S cailleach chliobach mhòr i.
Sèist / Chorus
Bha bodaich na h-Odh' is cailleachan Ìdh'
mireadh an Ìle còmhla rium,
Bha bodaich na h-Odh' is cailleachan Ìdh'
an Ìle far am bi beadaradh.
Bha bodaich na h-Odh' is cailleachan Ìdh'
sireadh an nì rinn Seònaid dhomh,
Bha bodaich na h-Odh' is cailleachan Ìdh'
an Ìle far am bi beadaradh.
Sireadh an nì, sireadh an nì,
sireadh an nì rinn Seònaid dhomh,
Sireadh an nì, sireadh an nì,
Far am bi, far am bi beadaradh.
Sireadh an nì, sireadh an nì,
sireadh an nì rinn Seònaid dhomh,
A' chabhraidh, chabhraidh bhòidheach mhìn
Rinn Sìne, caile bheag Sheònaid dhomh.
Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...
Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach GhlaschuCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.