Òran air a sgrìobhadh le: aonghas moireasdan agus air a sheinn le: mairead nic a' phearsain, angela nicIllEathain agus laura nicRisnidh, Eilidh NicChoinnich agus Mairead NicLeòid.
This is a song written by: aonghas moireasdan and sung by: mairead nic a' phearsain, angela nicIllEathain agus laura nicRisnidh, Eilidh NicChoinnich and Mairead NicLeòid.
Caidil gu sunndach mo chìocharan,
Caidil gu sunndach mo ghràdh,
Caidil gu madainn le socair,
Na mosgladh do shùil gu latha;
Is mise lem chridhe fo iargain,
'S mo smaointean gur trom gach tràth,
Mi faighneachd an till, faighneachd an till,
'N till d' athair a-rìs bhon bhlàr.
Bidh thusa ad chadal gun smuairein,
Bidh thusa ad chadal gun phràmh,
Bidh mise le mulad is iomagain,
Gam shàrachadh fhèin a ghnàth;
Cha dèanar mo leigheas le h-ìocshlàint
Is cungaidh cha dèan bonn-stàth;
Mi faighneachd an till, faighneachd an till,
'N till d' athair a-rìs bhon bhlàr.
Tha 'n trombaid a-nis air a sèideadh,
'S am blàr air a chur a bha dian,
'S tha naidheachd an dèidh tighinn am ionnsaigh
A dh'aiseigeas dhomh mo chiall;
Tron chath chaidh d' athair gu treubhach
Is nàimhdean cha d' fhuair am miann;
'S mi cinnteach gun till, cinnteach gun till,
Gun till d' athair a-rìs bhon bhlàr.

Rugadh Mairead NicLeòid ann an Dùn Èideann ged a bha a màthair às an Àird anns a' Rubha agus a h-athar à Tolastadh a' Chaolais ...
Fiosrachadh air Mairead NicLeòid / Learn more about Mairead NicLeòid
Rugadh Eilidh NicChoinnich ann an Goillspidh ann an 1967 agus ghluais an teaghlach gu Leòdhas nuair a bha i ceithir bliadhna a ...
Fiosrachadh air Eilidh NicChoinnich / Learn more about Eilidh NicChoinnichCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.