Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Catrìona Garbutt, Dòmhnall Eàirdsidh MacPhàil, iain macGillìosa, ruairidh macLeòid agus Seòras Clavey.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Catrìona Garbutt, Dòmhnall Eàirdsidh MacPhàil, iain macGillìosa, ruairidh macLeòid and Seòras Clavey.
Bu chaomh leam bhith mire, bhith mire, bhith mire,
Bu chaomh leam bhith mire ri o chailin donn òg;
Bu chaomh leam bhith mire ri d' thaobh nuair a shuidhinn
Mo ghràdh orra bhilean 'n àm sireadh nam pòg.
Tha stòras nach seallar an-còmhnaidh ga mealladh
'S i 'n dòchas na barail nach annas dhith lòn;
Nan cunntadh i gealladh 's a slàinte ri maireann
Gun seòladh nist thairis gu 'stràilia mhòr.
Nach sguir thu gad shaoilsinn 's a chreidsinn nan daoine
Tha deònach do shaoradh le baothaireachd beòil;
Thig nì ort nach saoil thu ma chreideas tu h-aon dhiubh
'S ma dh'fhàgas tu na h-aonar 'n tè shaothraich thu òg.
Ma bhristeas orra shlàinte 's tu fada bho d' chàirdean
Gun neach a nì bàigh riut ged chàirt' thu fon fhòd;
Gum b'fheàrr dhut an là sin bhith teann orra mhàthair
Na stòras na ban-righinn ged chàirt' e nad dhòrn.
An cluinn thu mi, Pheigi, nach dèan thu rium seasamh
An gabh thu mo leisgeul, chan eil mi ach òg;
An gabh thu mo leisgeul, 's i 'n fhìrinn a sheasas
Tha mis ann an teagamh gur beag leat mo stòr.
Ged gheibhinn le dùrachd a dh' òr air a chunntais
Na dhèanadh dhìom diùc is gun dùil riut ri m' bheò;
Gun cuirinn air chùl e ach thusa thighinn dlùth dhomh
Do mhaise 's do chiùine gam chiùrradh gach là.

Rugadh Catrìona Garbutt, Catrìona Chaluim Iain, nighean Mòrag Aonghais, ann am Beinn na Fadhla air 19 Cèitean, 1935. Bha a pàrantan le chèile à Beinn ...
Fiosrachadh air Catrìona Garbutt / Learn more about Catrìona Garbutt
Rugadh Dòmhnall Eàirdsidh MacPhàil, Dòmhnall Eàirdsidh Eachainn Dhonnchaidh, ann an Glaschu air 23 Gearran, 1935. 'S ann à Bail' a' Phuill ann an Tiriodh a ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Eàirdsidh MacPhàil / Learn more about Dòmhnall Eàirdsidh MacPhàilRugadh Seòras Clavey (1928-2003) ann an Dùn Èideann agus ghabh e ùidh ann an Gàidhlig nuair a bha e na bhall de Chòisir Ghàidhlig Phort ...
Fiosrachadh air Seòras Clavey / Learn more about Seòras ClaveyCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.