Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam Ros agus air a sheinn le: còisir àrd-sgoil an obain agus seinn càraid.
This is a song written by: Uilleam Ros and sung by: còisir àrd-sgoil an obain and seinn càraid.
Beir mo shoraidh le dùrachd do rìbhinn nan dlùth-chiabh
Ris an tric bha mi sùgradh ann am bruthaichean Ghlinn Braoin.
Gur e mise tha gu cianail 's mi cho fada uat am bliadhna;
Tha leann-dubh air mo shiaradh 's mi ri iargain do ghaoil.
Chan fhaod mi bhi subhach, gur e 's beus dhomh bhith dubhach,
Cha dìrich mi bruthach, chaidh mo shiubhal an lughad.
Chaidh m' astar am maillead bho nach fhaic mi mo leannan;
'S ann a chleachd mi bhi mar riut ann an gleannan a' chaoil.
Anns a' choill' am bi 'n smùdan 's e gu binn a' seinn ciùil duinn,
Cuach is smeòrach gar dùsgadh, cur na smùid diubh le faoilt'.
'S tric a bha mi 's tu mireadh agus càch gar sìreadh,
Gus 'm bu deònach leinn tilleadh gu innis nan laogh.
Sinn air fàireadh na tulaich 's mo làmh thar do mhuineil,
Sinn ag èisteachd nan luinneag, bhiodh am mullach nan craobh.
Gur mis' tha sa champar, 's mi fo chìs anns an àm seo,
Ann am prìosan na Frainge fo ainneart gach aoin.
Cha b' ionnan siud agus m' àbhaist a' siubhal nam fàsach,
'S a' dìreadh nan àrd-bheann gabhail fàth air na laoich.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.