Òran air a sgrìobhadh le: niall mac ille sheathanaich agus air a sheinn le: mairead ghreumach agus Mairead McLeman.
This is a song written by: niall mac ille sheathanaich and sung by: mairead ghreumach and Mairead McLeman.
'S e bothan beag an fhuarain
A ghluais an-diugh mo rann,
'S mi cuimhneach air gach suaimhneas
A mheal mi uairean ann;
Gam bhlianadh air na bruachan,
Mar bha mi am bhuachaille thall,
An eilean nam beann fuara,
Nan ruadh-chearc 's nan damh donn.
Tha fasgadh air bhon fhuar-ghaoith
A thig bhon tuath le srann,
An dìon an tomain uaine
'S luasganaich nan crann;
Bidh gàire an uillt am chluasan
'S e siubhal nuas an gleann,
Gu tormanach a' gluasad
Air slighe bhuan gun cheann.
Ach 's e mo chion am fuaran,
An deoch as uaisle th' ann
Na chaochan tighinn an uachdar
Bho aigeann fuar nam beann:
Gun òlainn làn na cuaich dheth
Gun tuaineal chur nam cheann
Ach 's meud mo spèis don chluain seo
Mo chèile suairc bhith ann.

Rugadh Mairead McLeman air a' Bhac, Leòdhas, nighean le Aonghas Stiùbhart, Aonghas Upsan bhon a' Bhac, agus Criosaidh Mairead NicLeòid, Nighean Ìonag, à Col. Tha ...
Fiosrachadh air Mairead McLeman / Learn more about Mairead McLemanCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.