Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam MacCoinnich (Bàrd Cnoc Chùsbaig) agus air a sheinn le: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, Iain Dòmhnallach (Hoddan) agus Iseabail NicAsgaill.
This is a song written by: Uilleam MacCoinnich (Bàrd Cnoc Chùsbaig) and sung by: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, Iain Dòmhnallach (Hoddan) and Iseabail NicAsgaill.
Bidh mo dhùthaich ri tighinn air m' aire,
Bidh mo dhùthaich co-dhiubh an dachaigh,
An taobh Cnoc Chùsbaig san Eilean Fhada,
'S an Cuan a Tuath ri cur cuairt air fhearann.
Bidh mi cianail 's chan iongnadh dad deth,
Fàgail Shiadair 's a' triall bho m' dhachaigh,
Far robh mi dòigheil le lòn 's le aran,
Mi fàgail còir dheth 's a sheòl mi 's t-Earrach.
'S ann ann a fhuaireadh mi na mo leanabh,
'S ann ann a dh'fhàs mi nuair bha mi 'm bhalach,
'S mi ann le Màiri 's mo phàisdean laga,
Nach cianail fhàgail 's mi 'n sàs ri leth-cheud.
O, bidh mi smaointinn air tìd chaidh seachad,
Mo theaghlach caomh ri mo thaobh mun teine,
Air glùin am màthar le gràdh 'gan altram,
Mun d' thàinig bàs air ar sgàth gar sgapadh.
'S e seo tha fàgail dol bàn mo dhachaigh,
Bàs am màthar 's am bràthar mhaisich,
Iad air an Aoigh far nach cluinn iad facal,
'S e seo chuir sgoinn air a' chloinn gu sgapadh.
Tha trioblaid, àmhghar, tha bàs is freasdal,
Ann bhith gan àrach mu'n d'fhàg an dachaigh;
'S am beagan phàisdean a dh'fhàgadh agam,
A' maoidheadh m' fhàgail mur tàrr mi 'n leantainn.
Tha e cruaidh an cuan tuath dhol eadar;
Cò ghabhas diù dhìom nuair thig mo laige?
Cò bheir am bùrn dhomh no bheir dhomh aran
Bho chaill mi Màiri 's a h-àite falamh?
Cha leig mi bhuam iad ach ni mi 'n leantainn,
Theid mi null gu taobh thall na mara;
Gheibh sinn àite anns an dèan sinn tàmhachd,
Ged bhios an làrach-s' air fhàgail falamh.
Bho chionn ochd bliadhna bu bhrèagh' an sealladh
Aig meadhan Shiadair air crìochan m' athar;
Bha aona mac deug ann de ghillean ciatach,
Iad tric a' biathadh mo lìon gu adaig.
Air oidhche Gheamhraidh bhiodh camp dhiubh agam;
Bhiodh fear a' càradh 's bhiodh snàth 'ga thachras;
Fear sgileadh fhiasgan 's bhiodh fear a' biathadh,
'S a' cur mo lìon ann an cliabh nan laighe.
'S iomadh dòigh rinn na seòid ud sgapadh;
Tha beatha 's bàs dèanadh làraich falamh,
Far robh mo phàisdean is clann mo bhràithrean,
Bhiodh feur a' fàs ann gun sàil dha shaltairt.
Seall mun cuairt àm na buain 's as t-Earrach,
Cha bhi aon air an raon ach Calum,
Is dithis phàisdean nach 'eil an àrd orr',
Ma bhios an t-slàint' ac', nì iad càch a leantainn.
Mo mhac a b' òige cha bheò am fear sin,
Is ceud-ghin, Murchadh, a dh'fhalbh do Afrag',
A thogadh còmhla rium mus do phòs mi,
'S an tir nam Boers tha chòmhnaidh aige.
Tha iomadh fiùran chaidh fiùghail altram,
An Eilean Leòdhais tha thall an Afraga,
Nach fhaic am pàrantan air an càireadh,
'S tha mac mo bhràthar 'san àireamh aca.
Och, a shaoghail, 's tu chaochail aithghearr,
'S tu mheall mi fhèin le do mhìltean gealladh;
Nuair a shaoil mi a bha iad fìor dhomh,
Mar mholl roimh ghaoith chaidh gach aon a sgapadh.
Bho shìn am bàs rium 's e dh'fhàg mi falamh,
Tha m' fheòil 's mo chnàmhan 's an sàl dol eadar,
'S mo dhachaigh fàsail gun fàileadh teine,
'S mi fhèin 's mo chlann air taobh thall na mara.
Tha m' fheum air còmhnadh gu mòr nam faighinn
'S gun dèanainn grèim air na tha na ghealladh,
Bhon Ear gun Iar fhad 's tha ghrian a' riaghladh,
Na tha ga iarraidh tha dìon dhaibh Aige.
An tìr nam beann is nan gleann chaidh m' altram,
An Eilean Leòdhais nan daoine tapaidh,
'S an robh an Diadhachd bho chiantan fada,
'S ged dheidheadh an criathradh tha siol ann fhathast,
Tha 'n t-àm tighinn dlùth, 's chan 'eil dùil a sheachnadh,
'S am feum mi seòladh cha mhòr ach seachdain,
'S am fàg mi 'n dùthaich 's an lùiginn cadal,
Air bàt' na smùide, 's mi gun dùil thigh'nn dhachaigh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha na h-òrain aig Uilleam Mac Coinnich rim faighinn anns an leabhar Cnoc Chùsbaig (Clò-bhualaidhean Gairm, Leabhar 58, Glaschu, 1982)

Rugadh agus thogadh Iain 'Hoddan' Dòmhnallach (1925-2007) ann am Pabail Uarach, anns an Rubha, Leòdhas, mac le Aonghas 'Tonkan' Dòmhnallach agus Ealasaid Mhoireach à ...
Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Hoddan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Hoddan)
Chaidh Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a thogail ann am baile Shiadair anns a' Rubha ann an Leòdhas. Bho aois gu math òg bha ceòl ...
Fiosrachadh air Calum Ailig Mac a' Mhaoilein / Learn more about Calum Ailig Mac a' Mhaoilein
'S ann às an Rubha, Leòdhas, a tha Iseabail NicAsgaill ged a tha i an-diugh a' fuireach ann an Inbhir Nis. Tha i pòsta aig ...
Fiosrachadh air Iseabail NicAsgaill / Learn more about Iseabail NicAsgaillCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.