Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh MacIain agus air a sheinn le: annabel nicDhòmhnaill agus fiona dowds, iain macIllEathain (Tobar Mhoire), màiri c. nicNimhein, na h-Uiseagan agus Niall MacIllEathain.
This is a song written by: Donnchadh MacIain and sung by: annabel nicDhòmhnaill agus fiona dowds, iain macIllEathain (Tobar Mhoire), màiri c. nicNimhein, na h-Uiseagan and Niall MacIllEathain.
Sèist / Chorus
Hòbhan na hòbhan hò,
Hì ho rò na hùbhan,
Hòbhan na hòbhan hò
Air Birlinn Ghoraidh Chròbhain.
Fichead sonn air cùl nan ràmh,
Fichead buille lùghmhor;
Siùbhlaidh i mar eun a' snàmh
Is siaban thonn ga sgiùrsadh.
Suas i sheòid air bàrr nan tonn!
Sìos gu ìochdar sùigh i!
Suas an ceòl is togaibh fonn,
Tha Mac an Rìgh ga stiùireadh!
A' Bhirlinn Rìoghail, 's i a th' ann,
Siubhal-sìth na gluasad;
Sròl is sìoda àrd ri crann
'S i Bratach Olaibh Ruaidhe.
Dh'fhàg sinn Manainn mòr nan tòrr,
Èirinn a' tighinn dlùth dhuinn;
Air Ìle an fheòir tha sinn an tòir
Ged dh'èireas tonnan dubh-ghorm.
Siud e nis, an t-eilean crom
Tìr nan sonn nach diùltadh,
Stòp na dibhe thoirt air lom
'S bidh fleadh air bonn san Dùn duinn.
Cuspair an Òrain - Goraidh Chròbhain
Bha Goraidh Chròbhain na shàr laoch anns an aona linn deug a rèir nam mòr-sgeulachdan. Bha e a' sabaid ann an arm Harald Hardradr, Rìgh Nirribhidh, aig Blàr Stamford Bridge ann an 1066. Chaidh an latha le arm Shasainn agus ghluais iad gu deas air turas nach robh cho soirbheachail, a chrìochnaich aig Blàr Hastings.
Rinn Goraidh a shlighe tuath, an toiseach gu Eilean Mhanainn agus, ann an 1079, tha lorg air ann an Ìle. Thog e arm air an eilean agus fhuair e smachd air Rìoghachd nan Eilean. Bha ùghdarras aige air Bail' Àtha Cliath ann an Èirinn co-dhiù airson greis.
Chaochail Goraidh Chròbhain, Rìgh nan Eilean, ann an Ìle ann an 1095 agus a rèir beul-aithris an eilein tha an uaigh aige air a chomharrachadh le creag mhòr ris an canar A' Charraig Bhàn, faisg air Cinn Trà.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Nochd cruinneachadh de na h-òrain aig Donnchadh MacIain anns an leabhar Crònan nan Tonn an toiseach ann an 1939. Chaidh deasachadh ùr den leabhar, le ceithir òrain a bharrachd, fhoillseachadh le Ceit NicIain, Inbhir Nis, 1997.

Ged a rugadh e ann an Glaschu, 's ann an Earra-Ghàidheal, ri taobh Loch Eala, a fhuair Niall MacIllEathain (1896-1962) àrach. Bha a sheanair agus ...
Fiosrachadh air Niall MacIllEathain / Learn more about Niall MacIllEathainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.