Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh MacIain agus air a sheinn le: alasdair c. macGillìosa.
This is a song written by: Donnchadh MacIain and sung by: alasdair c. macGillìosa.
Sèist / Chorus
Ho rì ho ri à, hoireann à hoireann ò
O chì mi do bhàt' air Maol gabhaidh na h-Odh'
A Cholla, mo ghràidh, rinneadh tàir air do chòir,
Thigeadh dhut-sa bhith dàn, 's iomadh nàmh th' air do thòir.
Thigeadh dhut-sa bhith dàn, 's iomadh nàmh th' air do thòir
'S glan siùbhlach i snàmh; birlinn ràmhach nan seòl,
'S i sgoltadh an t-sàil air bàrr nan tonn mòr
I ga iarraidh ro chàch 's muir a' rànail nan seòl.
A dh'ainfhios càich, tha do chaladh a ghaoil
Far an laigh thu gu slàn aig amaibh nach saoil,
'S trom làidir do làmh ri garbh shèideadh gaoith
Ri sruth lìonaidh no tràghadh 's muir àrd air a' Chaol.
An dèidh gaillionn is gaoth, thig fèath agus ceò
'S thig tarraing air maol dh'aindeoin duine tha beò,
'S thug thusa gun dàil le t-armuinn air dòigh
'S chithear bratach gu h-àrd air faiche Chloinn Dòmhnaill.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.